GF196i04N ÒRAN NAN DÒMHNALLACH À EILEAN A' PHRIONNSA (LE RO-RÀDH) Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan Bàrd: Màiri Theàrlaich , Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson Ach rinn i sin òran eile, bha—'s ann á Eilean—Prince Edward's Island a bha na fir a bha seo. Bha 'm piuthar pòsda 'is dh' eug i, là' riu'. Agus bha ise fuireach shuas bhos chionn—ann an Dùnbheagan a' seo—bhos chionn àite Ruairi Lodaidh Màrtainn. Agus chaidh i sìos gus a' leth-taobh a bha sin—na beinneadh. Agus thug i 'n aire dha 'n t-soitheach seo, 'mach mu coinneamh. Agus nuair fhuair i a-mach cò a bh' ann, rinn i ceathramhan de dh' òran 's thuirt i: 'S chaidh mi sìos gu leth-taobh Mhàrtainn Rinn mi nochdadh leis an t-sàile 'S ann a chunna mi 'n té bhàn 'S i 'mach mu choinneamh tràigh na Leòdach 'S té bhòidheach nan guaillean geala Thàinig oirnn bho thìr an Eilein Air a' robh luchd nan cùl donna Siud agaibh na gailinn òga Chan ìongnadh leam sibh bhith dubhach Coimhead air taigh bàn nan uinneag Far a' robh ar gaol a' fuireach 'S nach tig idir 'n-diugh nar còmhradh Fhios agad, 's e piuthar dhiubh a bha seo 's bha i 'n deaghaidh eug. Chan iongnadh leam sibh bhith crà—mar a tha sibh Bhith gu dubhach, deurach, cràiteach A' bhean uasal an deagh nàduir 'S i 's a' chìll gun chàil, gun chòmhradh. Sin nuair a bha 'ad a' fàgail, 's 'ad a' falbh leis an t-soitheach. Nuair a thog sibh a' siùil gheala 'Mach gu bàrraibh na cruinn uaine Sgoltadh bharranan mu guailnean Iùbhrach Ruairidh 's i bha bòidheach 'S nuair a chaithriseadh fo bréid i 'S i 'n iùbhrach nì a' chuan a reubadh Mar steud chruidh a' chualach réurach Ann a' réis air réilean còmhnard Sin agad an th' agamsa dhe seo. Bha seo mar a bhiodh [riosar?] fhios agad, air an [deigh/déidh?], fhios 'ad, a bha e.