Cumha Ghillean Alasdair
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF196i03N CUMHA GHILLEAN ALASDAIR
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Bàrd: Màiri Theàrlaich, Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson
Innsidh mise dhuibh—an d' fhuair sibh sin aig set?—Cò an fheadhainn a bha seo, nach e bràithrean seanair do dh'Angus L. MacDonald a bh' annta. Dà bhràthair, agus bha fear eile còmhla riuth', chan eil fhios a'm dé an t-ainm a bh' air an fhear a bha còmhla riuth', ach bha 'ad a' falbh 'sa soitheach ac', ann am bàta mór a bh' aca. Agus a-mach bho ghob Cheap Màbu, shéid i orra. Agus chaidh a' stiùir a chathadh, chath an fhairge a' stiùir ás a lamhan, a fear a bh' air a' stiùir, is chaidh am bàthadh. Agus rinn am boireannach seo, 's e Màiri Thearlaich Nic a' Phearsain a bh' innte, rinn i an t-òran. Ach chan eil agamas ach dìreach aon cheathramh dheth. 'S thuirt i:
A Dhòmhnaill a rùin,
Bu mhór an tàir' fhuair thu
Nuair chath do stiùir ás do dhòrn
Cha b'e sioban nam beann
Ach marcraich sìneadh nan tonn
Chuir fairge trom á sròn
Sin na th' agamasa dheth. Ach bha poidhle air an òran, 's bha e math.
Notes (fieldnotes):
Fragment. Two verses.
Reference sources:
Fad air Falbh ás Innse Gall | Beyond the Hebrides, ed. Donald Fergusson et al (1977), p. 92.