GF196i03N CUMHA GHILLEAN ALASDAIR Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan Bàrd: Màiri Theàrlaich, Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson Innsidh mise dhuibh—an d' fhuair sibh sin aig set?—Cò an fheadhainn a bha seo, nach e bràithrean seanair do dh'Angus L. MacDonald a bh' annta. Dà bhràthair, agus bha fear eile còmhla riuth', chan eil fhios a'm dé an t-ainm a bh' air an fhear a bha còmhla riuth', ach bha 'ad a' falbh 'sa soitheach ac', ann am bàta mór a bh' aca. Agus a-mach bho ghob Cheap Màbu, shéid i orra. Agus chaidh a' stiùir a chathadh, chath an fhairge a' stiùir ás a lamhan, a fear a bh' air a' stiùir, is chaidh am bàthadh. Agus rinn am boireannach seo, 's e Màiri Thearlaich Nic a' Phearsain a bh' innte, rinn i an t-òran. Ach chan eil agamas ach dìreach aon cheathramh dheth. 'S thuirt i: A Dhòmhnaill a rùin, Bu mhór an tàir' fhuair thu Nuair chath do stiùir ás do dhòrn Cha b'e sioban nam beann Ach marcraich sìneadh nan tonn Chuir fairge trom á sròn Sin na th' agamasa dheth. Ach bha poidhle air an òran, 's bha e math.