Làir Mharbh ann am Mabou
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF196i02 LÀIR MHARBH ANN AM MABOU
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
[Séist]: 'S ann an comhradh binn an-diugh a bh' aig na fithich
Air sailleabh na làir duinn a thug dhuinn an sitheann
'S ann an comhradh binn an-diugh a bh' aig na fithich
Thuirt cù Dhòmhnaill aig Màiri le cù Dhòmhnaill an Tàillear
"An cuala sibh mun làir a fhuair am bàs a siud ann?"
Gu robh cù beag le [burc/Burt ?] ann is dh' fhalbh e mun deanadh e bustadh
Is mun deanadh e bustadh gun deach [burc/Burt ?] ga thilleadh
Bha cù agus sgalag aig Fionnlagh mac Dhòmhnaill
[Alasdair/Ealsaid Òg/le Olga?] ['sa rathad /gus a rathaid?], cha dàinig 'ad idir.
Bha cù Alasdair Chaimbeul dhomhs' am pìos [a' slabhradh/as reamhra?]
Is bheir mi thugaibh dram nuair a thig mi nall a-rithist
…Bheil sìon do dh'fheum a' sin?