GF196i02 LÀIR MHARBH ANN AM MABOU Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan [Séist]: 'S ann an comhradh binn an-diugh a bh' aig na fithich Air sailleabh na làir duinn a thug dhuinn an sitheann 'S ann an comhradh binn an-diugh a bh' aig na fithich Thuirt cù Dhòmhnaill aig Màiri le cù Dhòmhnaill an Tàillear "An cuala sibh mun làir a fhuair am bàs a siud ann?" Gu robh cù beag le [burc/Burt ?] ann is dh' fhalbh e mun deanadh e bustadh Is mun deanadh e bustadh gun deach [burc/Burt ?] ga thilleadh Bha cù agus sgalag aig Fionnlagh mac Dhòmhnaill [Alasdair/Ealsaid Òg/le Olga?] ['sa rathad /gus a rathaid?], cha dàinig 'ad idir. Bha cù Alasdair Chaimbeul dhomhs' am pìos [a' slabhradh/as reamhra?] Is bheir mi thugaibh dram nuair a thig mi nall a-rithist …Bheil sìon do dh'fheum a' sin?