Òran a' Mhìnn an St. Rose
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF195i08N ÒRAN A' MHÌNN AN ST. ROSE
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
[Archie Dan MacLellan]: Agus, tha seansa..nuair a thoisicheadh 'ad air...na cuir air an dràsd gus an innis mi mu—Dean Evans a bha sin, nuair a thòisich e an toiseach, athair—méinne George Evans a bha sin.
[John Shaw]: Dé thachair a-nis dhan a' ghinney?
[ADML]: Uell, cho fads' a bha an ginney concerned, rinn 'ad an gnothach leis a' ginney, rinn. Chionn tha duine ach an t-oran dhen ghinney, fhios agad, bha i car—cho gròigeil air a’ deanadh agus bha i —cha robh i ach a' sgreuchail 's a' sgreadail gus an do…dhan ola gus an do chuir 'ad fios gu Londonderry a dh' iarraigh bogsa axle grease.
[Séist]: Ó an ginney, é an ginney
O siud an ginney a bha grinn,
An ginney a rinn Mac a' Phearsain
Cha robh a' leithid riamh 'sa mhìnn.
Nuair a thòisich 'ad leath' an toiseach
Chluinnte fuaim aic' à Margaraidh
Chuir 'ad fios gu Londonderry
A dh' iarraigh bogsa axle grease
Chuir 'ad fillidh air a' landing
Duine handy mar a bha sinn
Bha e math gu losgadh phùdar
Is gu cuir smuid air feadh na mìnn
Sin na th' agamas.
Team notes:
Seems to be a version of 'Òran an Trolly'. There is at least one verse in common with versions of Òran an Trolly, GF298i03b (trolly song) E An Trolly aig Uilleam Chailein; This song refereneces a ginney. A "ginney," also called a "jinn(e)y" or "jig" or "horse drum" is a device used in mining to haul materials to and from the surface, similar to a windlass.