GF195i08N ÒRAN A' MHÌNN AN ST. ROSE Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan [Archie Dan MacLellan]: Agus, tha seansa..nuair a thoisicheadh 'ad air...na cuir air an dràsd gus an innis mi mu—Dean Evans a bha sin, nuair a thòisich e an toiseach, athair—méinne George Evans a bha sin. [John Shaw]: Dé thachair a-nis dhan a' ghinney? [ADML]: Uell, cho fads' a bha an ginney concerned, rinn 'ad an gnothach leis a' ginney, rinn. Chionn tha duine ach an t-oran dhen ghinney, fhios agad, bha i car—cho gròigeil air a’ deanadh agus bha i —cha robh i ach a' sgreuchail 's a' sgreadail gus an do…dhan ola gus an do chuir 'ad fios gu Londonderry a dh' iarraigh bogsa axle grease. [Séist]: Ó an ginney, é an ginney O siud an ginney a bha grinn, An ginney a rinn Mac a' Phearsain Cha robh a' leithid riamh 'sa mhìnn. Nuair a thòisich 'ad leath' an toiseach Chluinnte fuaim aic' à Margaraidh Chuir 'ad fios gu Londonderry A dh' iarraigh bogsa axle grease Chuir 'ad fillidh air a' landing Duine handy mar a bha sinn Bha e math gu losgadh phùdar Is gu cuir smuid air feadh na mìnn Sin na th' agamas.