Galla Aonghuis Bhàin
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF192i02 GALLA AONGHAIS BHÀIN
Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton
Bàrd: Raghnall or Iain Mac Alasdair Bhàin | Ronald or John Beaton
Dar a bha iad a' faighinn nan cuileanan ann an crìochan nan Coal Mines á Rubh' an t-Seallaidh, bha gallag bheag air fear dhe na coimhearsnaich. 'S bhiodh iad a' beathachadh na cuileanan na madadh-ruadh air a' ghallag bheag a bha seo. Co-dhiù rinn iad ceathramhan de dh'òran agus 's ann mar seo a chuir iad a' fonn:
[Séist]:'S galla Aonghais Bhàin ho ro gum bu fallain i,
Galla Aonghais Bhàin, gura h-ise a bha feumail,
Galla Aonghais Bhàin ho ro gum bu fallain i,
Dh'àraich le bainne gach madadh a fhuair 'n [aileadh/na]
Dar a chaidh thu dhan grinneadh a choimhead na dìleab
'S bha Iain ag radh nach robh [dìobhairt?] a lèirsinn
Chrom thu cho ìseal a choimhead na dileab
'S nach pàigheadh na trì uile na mhilleadh iad lèirsinn
'S gall' eile gum [ badan?'] nuair a ràna' tu an cat leis
Chuir thu fear dhiubh ri thaic 's thu 'tachas a leth-cheann
Gun do thionndaich an gaisgeach bho nach b' aithne ga h-atadh
'S le innean [a chasg cha robh asg an-diugh teicheadh?]
Nuair a chualainn aig Màiri gu robh am [bualadhadair/buadhair?a bh'air a màthair
Thàinig 'sa gàrradh[ còmhdach ri ceudaibh?]
Thionndaich iad gu duilich a choimhead nan cuileanan
'S cha robh ròineag [na ionadh?] nach tug iad bho chéile
Notes (fieldnotes):
Le Raghnall neo Iain Mac Alasdair Bhàin (composed by Ronald or John Son of Fair Alasdair Beaton)