GF192i02 GALLA AONGHAIS BHÀIN Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton Bàrd: Raghnall or Iain Mac Alasdair Bhàin | Ronald or John Beaton Dar a bha iad a' faighinn nan cuileanan ann an crìochan nan Coal Mines á Rubh' an t-Seallaidh, bha gallag bheag air fear dhe na coimhearsnaich. 'S bhiodh iad a' beathachadh na cuileanan na madadh-ruadh air a' ghallag bheag a bha seo. Co-dhiù rinn iad ceathramhan de dh'òran agus 's ann mar seo a chuir iad a' fonn: [Séist]:'S galla Aonghais Bhàin ho ro gum bu fallain i, Galla Aonghais Bhàin, gura h-ise a bha feumail, Galla Aonghais Bhàin ho ro gum bu fallain i, Dh'àraich le bainne gach madadh a fhuair 'n [aileadh/na] Dar a chaidh thu dhan grinneadh a choimhead na dìleab 'S bha Iain ag radh nach robh [dìobhairt?] a lèirsinn Chrom thu cho ìseal a choimhead na dileab 'S nach pàigheadh na trì uile na mhilleadh iad lèirsinn 'S gall' eile gum [ badan?'] nuair a ràna' tu an cat leis Chuir thu fear dhiubh ri thaic 's thu 'tachas a leth-cheann Gun do thionndaich an gaisgeach bho nach b' aithne ga h-atadh 'S le innean [a chasg cha robh asg an-diugh teicheadh?] Nuair a chualainn aig Màiri gu robh am [bualadhadair/buadhair?a bh'air a màthair Thàinig 'sa gàrradh[ còmhdach ri ceudaibh?] Thionndaich iad gu duilich a choimhead nan cuileanan 'S cha robh ròineag [na ionadh?] nach tug iad bho chéile