Òran le Neil Mac a' Phì á Rubha an t-Seallaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF192i01 ÒRAN LE NEIL MAC A' PHÌ Á RUBH' AN T-SEALLAIDH
Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton
Bàrd: Niall Mac a' Phì | Neil MacPhee
[Séist]: Fàil il o ro, fàil il ò
Fàil il o ro, fàil il ò
Fàil il ò, ho ro hug éile
Fàil il éileadh ìu ho rò
Tha mi a's an town a' tàmh
Ag obair cruaidh 's ag éirigh tràth
Smaoinich mi gun deanainn òran
Do ghill' òg anns a' Phort Bhàn
'S ged bha ceum crùbach anns an làir
Nuair a fhuair iad an carry-all
'S ged bha i fichead bliadhna
Dh' fhàs i fiadhaich sìos an t-sràid
Seachad sìos air àit' Iain Bhàin
Chual' sinn fuaim a' charry-all
Is thàinig Annag ann an dorais
Labhair i ''Dineag sing 'em àrd!''
Is labhair Tildi ri Iain Dhonnchaidh
Saoil sibh p-fhéin nach eil an gnothach nàir
B'fheudar dhomhsa suidh' air m' fhiaradh
Nach b'fhiach mi sìos an t-sràid
Is labhair Iain Dhonnchaidh-sa be damned
Té chaidh a thogail 's a' Phort Bhàn
'A shuidh i dìreach mar bu chòir dhi
Mar a dh'òrdaich Dia nan gràs
Team notes:
Cf. Peter Rankin, "Òran le Neil MacPhì á Rubh' an t-Seallaigh," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, February 2, 1978.