GF192i01 ÒRAN LE NEIL MAC A' PHÌ Á RUBH' AN T-SEALLAIDH Beulaiche: Alasdair Dhòmhnaill Fhionnlaidh 'ic Dhòmhnaill | Alexander Beaton Bàrd: Niall Mac a' Phì | Neil MacPhee [Séist]: Fàil il o ro, fàil il ò Fàil il o ro, fàil il ò Fàil il ò, ho ro hug éile Fàil il éileadh ìu ho rò Tha mi a's an town a' tàmh Ag obair cruaidh 's ag éirigh tràth Smaoinich mi gun deanainn òran Do ghill' òg anns a' Phort Bhàn 'S ged bha ceum crùbach anns an làir Nuair a fhuair iad an carry-all 'S ged bha i fichead bliadhna Dh' fhàs i fiadhaich sìos an t-sràid Seachad sìos air àit' Iain Bhàin Chual' sinn fuaim a' charry-all Is thàinig Annag ann an dorais Labhair i ''Dineag sing 'em àrd!'' Is labhair Tildi ri Iain Dhonnchaidh Saoil sibh p-fhéin nach eil an gnothach nàir B'fheudar dhomhsa suidh' air m' fhiaradh Nach b'fhiach mi sìos an t-sràid Is labhair Iain Dhonnchaidh-sa be damned Té chaidh a thogail 's a' Phort Bhàn 'A shuidh i dìreach mar bu chòir dhi Mar a dh'òrdaich Dia nan gràs