Back to recordings

An t-Saighead Shìtheach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF191i08 AN T-SAIGHEAD SHÌTHEACH


Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan



Bhon chionn fhada an t-saoghail [an cian/an t-sìthean?], bha boireannach ann aig an robh leanabh dìolain. Agus cha robh toil aice a' leanabh a chumail idir. Agus thug i leath' a' leanabh agus chaidh i a-mach dhan choillidh. Agus dh'fhàg i leanabh aig bonn craobhaidh. Ach cha robh an ùine glé fhada, bha e—thòisich an leanabh air caoineadh—an t-acras air. Thàinig boireannach a' chòt' ùine, agus thug i leath' a' leanabh—ban-sìtheach. 'S thug i a-staigh i dha 'n bhruth' shìtheadh e, agus chaidh a thogail am measg nan sìthichean. Agus nuair a thàinig e gu ìre, bha toil aca a leigeil ás, agus gu falbhadh e air [urathadh?] fhéin. Thug a' bhan-sìthiche dha saighead—saighead shìtheach. Cha robh aige ach an t-saighead sin a leigeil ás, rachadh i far monadh is fraoch is uisge gus am bualadh i a' spot a bha toil aige-san. Agus bha famhair mór anns a' sgìreachd. Agus bha e dèanamh trioblaid mhór. Ach latha dhe na làthaichean, fhuair—fhuair an gille cothrom agus chuair e an t-sùil às leis an t-saighead. Nise, chan urrainn dhomh a dhol nas fhàide. Chùm a' famhair an t-saighead. Bha an t-saighead ga dhìth an uair sin. Dh'fheumadh e a' sin falbh agus an t—an t-saighead shìtheach fhaighinn bho 'n fhamhair mun tigeadh aige air a mharbhadh.


Lauchie MacLellan
Dùn-bheagan | Dunvegan 158 recordings Faic pròifil | view profile