Tarsaing Abhainn Mhargaraidh ann an Criathar
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF187i07 TARSAING ABHAINN MHARGARAIDH ANN AN CRIATHAR
Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell
Gun do—gu robh i—dh' fheumadh i—bha nighean aice tha coltach. Theich i is bha i 'dol a phòsadh. Agus a' chailleach, bha i 'feuchainn ri dhol as a deaghaidh is 'breith oirre. Nuair a thàinig i chun an abhainn, bhiodh bàtaichean beag aca 'dol, Abhainn Mhargaraidh, nuair a bhiodh tuil ann, bhiodh bàtaichean beag aca 'son a dhol seachad air aiseig, nach fhaigheadh tu grunnachadh ann nuair a bhiodh cus uisge tighinn a-nuas agus tha e coltach gun d' thàinig ise chun an abhainn agus chan fhaigheadh i tarsaing leis an tuil. Agus bha cuideigin eile an deaghaidh bàta a thoirt a-nall agus fhuair i seo criathar, agus chaidh i seachad air an abhainn a's a chriathar.
O bha 'ad a' creidsinn sin dìreach cho, bha 'ad a' smaointinn gu robh sin, bha 'ad ag innse siud dìreach, seo an fhìrinn. Ma rinn i, chan eil fhios agamsa. Bha luideach, bha córr aice luideach a bhith aice nuair a bha an ìm a' fàs trom cho fads—nuair a bhiodh i 'dol faisg air a' mharsanta. Mar as faisge a bhiodh 'ad a' dol ann. Agus dhiùlt e aon turas an ìm aice a gabhail, dh'fhaoidte gu robh tuillidh 's a chórr aige nach [? gu faiceadh e rògach?] beathach na dhà, cha robh ach beagan ann ach bha cuideam ann.