Back to recordings

Tobar Leighis

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF187i04bE TOBAR LEIGHIS


Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell



[Malcolm Campbell]: …shuas, um, Glengarry. Tha fhios agad far a bheil sin, [shuas taobh?] Loch Lomond?


[John Shaw]: Tha, dìreach cùl a' Phòin Mhóir.


[MC]: Dìreach. Ach bhiodh 'ad, o chionn fhada—tha cuimhn' 'am feadhainn a' falbh 's a' toirt dhachaidh pigeachan dhan dh' uisge, is bha seann Feargasdanach a bha seo, Pàdruig mac Iain a chanas mi ris, bhiodh e 'g innse dhomh mu feadhainn a bhiodh ann, dh' fheumadh 'ad a dhol ann is bhiodh 'ad—feadhainn a' dol am bogadh as an abhainn, as an fhuarain. Bhiodh 'ad a' laighe ann airson na lòine. 'S ann a bhiodh 'ad a' leigheas a' lòine. Bhiodh 'ad ag ràdh gu robh co dhiubh. Dh' fheuch mi balgam dhan uisge. Bha e car saillte. Agus, bha e mar gum biodh tu ag òl salts, nan 'g òlas tu cus dheth. Bha e 'dol romhad dìreach na steall.


[tape cut]


Cha deachaidh. Cha deachaidh. Tha 'ad ag ràdh gu faigh thu gu math faisg air an dràsda le carbaid. Tha rathad a-staigh ann.


[tape cut]
—aodach ac' ann is an uair sin 'ga chur orra. Bhiodh. Agus leig e leis tiormachadh, cha chreid mi, ort. Shin na chuala mi.


[tape cut]


—an abhainn ud—fuaran ud, a chuir air dòigh tobar leigheis diofar uairean bha 'ad a' tòiseachadh air bruidhinn air rathad a dheanamh astaigh ann is feadhainn a bhith a' dol ann ach chan eil fhios 'am an d' rinn 'ad sian mu dheidhinn.


Malcolm Campbell
Solas | Woodbine 11 recordings Faic pròifil | view profile