Eòlas an t-Siachaidh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF187i04E EÒLAS AN T-SIACHAIDH
Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell
Mu 'n eòlas an t-siachaidh, bha rud—bha dà rud ann a chuala mise mu dheidhinn. Bha eòlas an t-siachaidh, cha robh—ge be có—cha robh 'ad a' deanamh ach rann airson an t-siachadh a chur a' feabhas.
Ach feadhainn eile, bhiodh snàth nan clòimheadh aca is bha trì snaidhmean a' dol air agus nam biodh an t-each agads' na beathach air choireigin agad 's siachadh air, bheirinn dhutsa sreang ann a seo is bheireadh tu dhachaidh, cheagnaileadh tu sreang e mu cuairt air agus an uair sin as a' mhadainn, bha am beathach a' feabhas.
Tha sin na chuala mise mu dheidhinn eòlas an t-siachaidh. [tape cut] Agus an uair sin dh'fheumadh boireannach a' rann ionnsachadh na cha b' fhiach e, na fireannach a dh' ionnsachadh gu boireannach. Mar sin dà fhireannach a bhith a' bruidhinn air choireach, cha robh càil a' fheum idir ann. Sin na bha 'ad ag ràdh co dhiubh. Ma dh' fhaoidhte gum biodh an [t-siachadh?] agad, uill dh' fhaodadh gu robh e ceart ach feumaidh gun d' fhuair amach nam b' fhiach.