Manaidhean
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF186i07_187i01 MANAIDHEAN
Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell
[Malcolm Campbell]: Bha mi aon oidhche, bha mi 'cadal a-staigh ann a' siud agus, chuala mi gnogadh cruaidh aig an doras, o, ma—[?] feumaidh gur robh i mu mheadhan oidhche. Bha mi treiseag an déidh a dhol a chadal co-dhiù. Dh'éirich mi chun an dorais, cha robh sgeul air duine sam bith. Agus, tha mi creidsinn gur e dhá na trì bhliadhnaichean an déidh siud, bha bràthair a' bhean agam, bha e a' seo. Dh'fhàs e bochd, uamhasach bochd, 's thug mise suas dha 'n ospadal e, 's bha e ann latha no dhà 's fhuair e 'm bàs. Chuir 'ad-s' 'gar n-iarraidh, agus thàinig nàbaidh a bha shuas a' rathad, e fhéin 's a ghille beag. Thàinig, thàinig—cha robh telephone againn an uair sin agus chall 'ad an t-àite, 'bha 'ad a' smaoineachadh, a b' fhaisge dhuinn. 'S thàinig an duine 's a mhac. Bha e na cnapach beag. Thàinig 'ad a-nuas leis a' bhràth a dhol suas chun an ospadal agus thàinig e chun an dorais. Cha robh sinn a' fosgladh an doras an t-àm a' gheamhraidh idir. Agus, thàinig e chun an dorais 'ud, agus rinn e 'n gnogadh mór a bha seo. Is cho luath 's a chuala mi e, dh'fhairicheadh—dh' fheumadh mis' a dhol a-null chun an dorais eile, is thug 'ad brath 'gar n-ionnsaigh a dhol suas, 'gu robh an duine a' faighinn a' bhàs. Agus, bha seann charbaid agam fhìn 's chaidh sinn nuas—'s e sin a' manadh a bha ['s air?]—'s e sin bu sgeul dha 'n mhanadh a bha siud. [BREAK IN TAPE]—agam, chìtheadh e 's chunnaic e manaidhean turas no dhá. Chìtheadh, chunnaic e tòrradh, no dhá. No manadh, gu be dé a chanas tu ris. Manadh tòrradh, no dad sam bith 'dol ann, chunnaic e sin. Chìtheadh e sin. Air an [aon fhear?], ach—'b aithne dhomh agus athair a' bhean agam. Bhiodh esan a' faicinn a leithid sin cuideachd. Bhitheadh. [BREAK IN TAPE] Bhithinn a' bruidhinn air [tape cut]—b'aithne dhomh duine sam bith. Bha 'ad a' ràdh nach fhaiceadh tu manadh duine 's gun cheann, nach fhaiceadh tu—chan aithnicheadh tu 'n ceann idir air, gur e sin am manadh agad fhéin. An cual' thu sin riamh?
[John Shaw]: Cha chuala.
[MC]: Nach do chuala?
[JS]: Cha chuala. Bha [BREAK IN TAPE].
[MC]: —ha mi bheil an gnothach [ud gasda/aig astar?]?
[JS]: Tha.
[MC]: Bha mi ann a' seo, bha dà—nuair a bha a' chlann 'nan gillean òg, bha dà leabaidh againn a-staigh a' sin, té—leabaidh bheag 's leabaidh mhór. Agus, bha mise a' cadal oidhche, bha na gillean a's a' leabaidh mhóir is mise a's a' leabaidh bhig. Agus an oidhch' a bha seo, dh'fhairich mi 'n cuideam uamhasach air mo mhuin as mo chadal, 's ann [a smaoinich?] an toiseach gur e aisling a bh' ann agus, agus, o, fhuair mi tàir uamhasach mu 'n d'fhuair mi dùsgadh. Bha mi dìreach mar gum b' eadh gun lùths. Cha b'urrainn dhomh mo shùilean fhosgladh, cha bu mhotha a ghluaisinn mo làmhan na sian. Agus, ceann tacan, thàinig mi thuige, agus smaoinich mi air a—gun robh cuid-eigin a' dol a dh'fhaighinn a' bhàis ann a' seo. Och, ghabh mi smoc 's chaidil mi an uair sin, agus chan eil fhios 'am 'eil cuimhn' a'm a-nise cò meud bliadhn' as a dheóidh sin, bha bràthair a' bhean agam a' fuireach còmhla rinn. Agus, bha e meadhanach, bhiodh e—bha e bochd uaireannan, ach bha e a' cumail air n-adhart glé mhath.
Ach, a' là a bha seo, rinn e deiseil agus chaidh e sios a bhaile 's chaidh e 'choimhead air a' phiuthar eile a bha 'fuireach thall taobh [eil'/thall?] a' bhaile. 'S thàinig e dhaichaigh 's bha mi fhín 's e fhéin a' bruidhinn ann a' seo gus mu dheich uairean air oidhche, 's ['s ann air?] oidhche hAoine, chan eil cuimhn' 'am co-dhiù, ach tha fhìos 'am gu robh mi cadalach, agus rinn sinn tí mu dheich uairean. Nuair a thàinig e dhachaigh, bha e bochd. Bha e 'g ràdh gun do dh' ith e rudeigin an àitegin 's dh'fhàg e bochd e. Agus, rinn mis' tí mu 'n deachaidh e na chadal, bha mo bhean an déidh a dhol a chadal. Agus, dh'òl e agus dh'fhàg mi ann a' seo e a' coimhead air a' television. Chaidh mi 'chadal. Agus bha sinn a' cadal a-staigh a's a' leabaidh a's an robh mise roimhe sin. Agus, chuala mi e 'dol a-mach aig, o, ré na h-oidhcheadh, 's thàinig an gill' eile dhachaigh 's bha 'ad a' bruidhinn, chuala mi 'ad a' bruidhinn mu thrì uairean 'sa mhadainn. 'S nuair a dh'éirich a' bhean agam, mu ochd uairean, chaidh i 'staigh 's bha e marbh. Is bha e sìnte dìreach far a' robh mise nuair a chuala mi—nuair a chuala mi manadh a bha seo, no gu dé an t-uamhas cuideam mór a bh' orm. Agus, 's e siud manadh a tha sinn a' dol a dh'fhaighinn a bhàs.