An Droch Shùil
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF186i03 AN DROCH SHÙIL
Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell
Bha nàbaidh againn, seann duine a bhiodh ag innse naidheachdan air boireannach a bha 'sa choimhearsnachd a bha, bha 'ad ag ràdh gu robh 'n droch shùil aice, gun toireadh toradh far 'n t-àit' agad is a leithid sin. Agus tha e coltach bha eagal uabhasach aca roimhpe, a h-uile duine bha mun chuairt. Bha e ag innse aon turas bha duine eile a bhiodh a sheinn, sheinneadh e a' phìob 's, agus luchd-ciùil, cha robh iad ach gu math gann.
Ach an uair sin, bhitheadh, bhiodh dannsa ann an taigh sam bith. No cruinneachadh, bhiodh am bodach bha seo a' dol ann leis a' phìob.
Ach bha taigh banntraich bha, bha dannsa gus a bhith aca air oidhche Luain, cha chreid mi gur e—nach e a bh' ann. Agus bha feadhainn dhe na gillean air chéilidh air a' bhodach, seann MacAonghais a bh' ann, bhiodh e 'seinn a' phìob, 's bha 'phìob aig' aig taigh nàbaidh air choireigin. Chuir iad Pàdraig MacIain agus dithis eile a dh' iarraidh a' phìob, gus am biodh i aca air oidhche Luain aig an dannsa.
Agus bha aca ri tighinn tarsainn na coilleadh. Agus Pàdraig MacIain, bha a' phìob aig' agus bha i—chunnaic 'ad a' chailleach bha seo 'tighinn dha 'n coinneimh, 's chuir e a' phìob fon chòt' aige, bha còt' mór air, 's e àm a' gheamhraidh a bh' ann. Agus chuir e am falach a' phìob, ach thug ise an àire dheth, mar a stad i 'ad 's, agus thòisich i air a chàineadh. A nist 'se Pròstanach a bh'ann a Pàdraig agus 'falbh air là na Sàbaid eadar na taighean, 's pìob mhòr aige, is thug i bhuaithe a' phìob.
Agus bha mise 'cantail ris, carson a thug thu dhi, "O," ars' e fhéin "bha mi dìreach air chrith leis an eagal." Bha fhios aige—cha robh fhios aige dé dheanadh i air, nan diùltadh e a' phìob a thoirt dhi. B'fheudar dhaibh an nuair sin 'dol a dh'innse dha 'n bhodach eile far a robh a' phìob aige is gu feumadh e fhéin a dhol ga h-iarraidh 'sa mhadainn DiLuain.
Agus bha e 'g innse uair eile chaidh i, air là Bealltainn, shin agad a' chiad là dhe 'n Mhay, bha—cha robh iad airson sian a thoirt seachad nan tigeadh duine a dh'iarraidh iasad. Gu h-àraid daoine a bha mar sin a bha eagal aca gu robh droch—gun toireadh iad air falbh an toradh.
O thàinig i chun an t-àite aca-san aon là, air là Bealltainn, agus thuirt iad, nuair a chunnaic
'ad a' tighinn i, rinn iad suas gun diùltadh iad sìon sam bith a bh' ac' a dh' iarradh i, chanadh iad nach robh e aca. Agus chan eil fhios a'm dé bha i 'g iarraidh, tì no salann no rudeigin, agus thuirt iad nach robh sgath dheth a-staigh. Agus o, ghabh i fearg uabhasach, 's 'nuair a bha i 'dol sìos, chunnaic iad i faisg air a dol a-mach air a' gheata, thog i pàirt dha 'n ùir far an talamh gus am biodh rudeigin aice, is dh'fhalbh i 'n uair. O tha e coltach gu robh eagal ac' uamhasach aca ron a' bhoireannaich seo, agus nan deanadh i droch rud oirre.
Sin an aon té a b' aithne dhomhsa a chuala mi iomradh oirre a bha thall an taobh ud co-dhiù.
Uill bha 'ad, chunna 'ad, dh'fheumadh 'ad, bha 'ad a' faighinn uisge á struthan, agus bonn-airgead. Agus soitheach gloinne no creadha a bhiodh ann, cha ghabhadh iad soitheach tin no sion sam bith, is bha iad a' deanamh rann leis a' bhonn-airgead agus an uisge bha seo, is bha iad a' cur an uisge air a bheathach 's bha sinn, mas fhìor ga chur am feabhas. O, droch bhuidseachd a bha seo. Bhiodh iad a' cur sreang dearg air - bha sin gus nach toireadh duine sam bith an toradh acasan air falbh. Bhiodh iad a' cur sreang dearg air earball nam beothaichean.