Back to recordings

Hù a hó, tha mi fo lionn-dubh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF186i01 HÙ A HÓ, THA MI FO LIONN-DUBH


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw



[Séist]: Hù a hó, tha mi fo lionn-dubh,
'Ille dhuinn gur mór mo ghaol ort,
Hù a hó tha mi fo lionn-dubh.


Tha recruits a' falbh a-màireach,
O, gur cràidhteach bhith 'ga chluinntinn.


'Dol air bhòidse 'null a Shasainn,
Cumail cogadh ris na h-Innsibh.


Seachdain bho 'n diugh no bho 'màireach
Fàgaidh am bàta Ceann Ìle


Seòlaidh i 'mach Inbhir Ceitinn.
Càch ann an teagamh nach till sinn.


Seòlaidh i 'mach Inbhir Ceitinn.
Càch ann an teagamh nach till sinn.


Chithinn braighichean New Castle
O mo chreach, nach robh mi fhìn ann.


'Ille dhuinn ma rinn thu m' fhàgail,
Feuch gur e na 's fheàrr a nì thu.


Airgead agad-s' am Bail' Ailein,
Cheannaichinn-sa 'mach bho 'n a' Rìgh thu.


Cheannaichidh mi 'mach bho 'n an arm thu,
Cha téid còta dearg a-chaoidh ort.


Nuair a thig an còta dearg ort,
Saighdear deargaidh dha 'n a' Rìgh thu.


An còta sin 's am bonaid ìte,
O, gur math thig i dha d' aodainn.


An còta sin 's am bonaid ìte,
O, gur math thig i dha d' aodainn.


Nuair a sheallas mi ás mo dhéidh,
'S tu mo roghainn dha na chì mi.


Nuair a sheallas mi air mo làmhan,
Pàirt a dh'aithneachainn mo ghaoil oirr'.



Reference sources:
"Illean Bithibh Sunndach (Boys, Be Merry)," Folksongs of Atlantic Canada from the Collections of MacEdward Leach, https://mmap.mun.ca/folk-songs-of-atlantic-canada/performances/505

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile