GF186i01 HÙ A HÓ, THA MI FO LIONN-DUBH Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist]: Hù a hó, tha mi fo lionn-dubh, 'Ille dhuinn gur mór mo ghaol ort, Hù a hó tha mi fo lionn-dubh. Tha recruits a' falbh a-màireach, O, gur cràidhteach bhith 'ga chluinntinn. 'Dol air bhòidse 'null a Shasainn, Cumail cogadh ris na h-Innsibh. Seachdain bho 'n diugh no bho 'màireach Fàgaidh am bàta Ceann Ìle Seòlaidh i 'mach Inbhir Ceitinn. Càch ann an teagamh nach till sinn. Seòlaidh i 'mach Inbhir Ceitinn. Càch ann an teagamh nach till sinn. Chithinn braighichean New Castle O mo chreach, nach robh mi fhìn ann. 'Ille dhuinn ma rinn thu m' fhàgail, Feuch gur e na 's fheàrr a nì thu. Airgead agad-s' am Bail' Ailein, Cheannaichinn-sa 'mach bho 'n a' Rìgh thu. Cheannaichidh mi 'mach bho 'n an arm thu, Cha téid còta dearg a-chaoidh ort. Nuair a thig an còta dearg ort, Saighdear deargaidh dha 'n a' Rìgh thu. An còta sin 's am bonaid ìte, O, gur math thig i dha d' aodainn. An còta sin 's am bonaid ìte, O, gur math thig i dha d' aodainn. Nuair a sheallas mi ás mo dhéidh, 'S tu mo roghainn dha na chì mi. Nuair a sheallas mi air mo làmhan, Pàirt a dh'aithneachainn mo ghaoil oirr'.