Òran a chaidh a dh'ionnsachadh bho Kennie Sìne MacLeod
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF185i14 ÒRAN A CHAIDH A DH'IONNSACHADH BHO KENNIE SÌNE MACLEOD
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: Alasdair Nìll MacDonald
Diombach mise 'ga do chàirdean 's 'ga do phàrantan féin
Thug mi air ais i gun pòsadh chailin òg a b' fhèarr beus
'S ann a tha gach aon dhiubh ràitinn i gun àire, gun chéil'
On a chaill thu do shrachadh ás a' làraich [led threun/leat fhéin?].
Latha dhomh 's mi gu sunndach [b' fheudar/beirte?] dh'ionnsaidh a' chala
[B' fheudar/bheirte?] dh'ionnsaidh an àite far na dh'fhàg mi mo leannan
'S ann a fhuair mi i pòsta ri fear òg anns a' bhaile
Snaidhm daingeann nach fhuasgail aig a' ghruagach ri leannan
'S mi gum faodadh siud a ràitinn gu robh [fàilligeadh 'na do dhealbh/shealbh?]
Gaol a thug thusa dhomhsa cha robh thu deònach a leantainn
Mìle marbhaisg air an t-saoghail tha caochlaideach carrach
Thig e uaireannan na lùban mar thu [thug bùrnaidh cosg gleannaibh?]
'S mi gum faodadh siud a ràitinn gu robh [fàilligeadh 'na do dhealbh/shealbh?]
Gaol a thug thusa dhomhsa cha robh thu deònach a leantainn.