GF185i14 ÒRAN A CHAIDH A DH'IONNSACHADH BHO KENNIE SÌNE MACLEOD Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: Alasdair Nìll MacDonald Diombach mise 'ga do chàirdean 's 'ga do phàrantan féin Thug mi air ais i gun pòsadh chailin òg a b' fhèarr beus 'S ann a tha gach aon dhiubh ràitinn i gun àire, gun chéil' On a chaill thu do shrachadh ás a' làraich [led threun/leat fhéin?]. Latha dhomh 's mi gu sunndach [b' fheudar/beirte?] dh'ionnsaidh a' chala [B' fheudar/bheirte?] dh'ionnsaidh an àite far na dh'fhàg mi mo leannan 'S ann a fhuair mi i pòsta ri fear òg anns a' bhaile Snaidhm daingeann nach fhuasgail aig a' ghruagach ri leannan 'S mi gum faodadh siud a ràitinn gu robh [fàilligeadh 'na do dhealbh/shealbh?] Gaol a thug thusa dhomhsa cha robh thu deònach a leantainn Mìle marbhaisg air an t-saoghail tha caochlaideach carrach Thig e uaireannan na lùban mar thu [thug bùrnaidh cosg gleannaibh?] 'S mi gum faodadh siud a ràitinn gu robh [fàilligeadh 'na do dhealbh/shealbh?] Gaol a thug thusa dhomhsa cha robh thu deònach a leantainn.