Back to recordings
Niall Eóghainn Duinn agus an Sagart
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF185i13 NIALL EÓGHAINN DUINN AGUS AN SAGART
Beulaiche: Eóghann Aonghais Christopher | Hugh Chisholm
Tar-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw
An naidheachd a tha mi dol a dh'innse, 's e naidheachd a chuala mi mu dheidhinn Niall Eóghainn Duinn, dar a bha e—turus a bha e ann a' Glace Bay. Ach co-dhiubh latha bha seo, bha e coiseachd sios an t-sràid 's thànaig e gu barroom 's bha e dol a thionndadh a-staigh. Có bha taobh thall na sràid' ach a' sagart. Dh'éibh a' sagart ris, "Nìll," thuirt e, "Bheil fhios agad có tha coiseachd astaigh a' sin còmhla riut?" "'Matà, chan eil," thuirt Niall. "Thà an Donas," thuirt a' sagart. "Ma tha," thuirt Niall, "chan eil aig' ach a dhram fhéin a phàigheadh. Chan eil agamsa ach ten cents".