Bristeadh na Lampa
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF182i03 BRISTEADH NA LAMPA
Beulaiche: Aonghas mac Eoghain Ruairidh | Angus Gillis
Chan eil agamas ach an dà cheathramh 's a fonn dheth, ach chaidh a dheanadh air Ceap Màbu, do Lachlann Iain Eachainn, bràthair do Ailig Iain Eachainn. 'S e 'white-headed boy' a bh' aca air ann am Beurla. Bha 'ad gàbhaidh math gu fight. Ach—
[Séist]: Tha buaidh air an uisge-bheatha,
Tha buaidh air 's nach còir a chleith,
Tha buaidh air an uisge-bheatha,
Gun òlainn teth is fuar e,
Tha buaidh air an uisge-bheatha.
'S a' lampa a chosg na sòbharan,
Cha robh a' leithid 's a' phrovince,
Gu robh pìos dhi anns gach corner,
Nuair a chaidh am bòrd a bhualadh.
'S a' chiad éibh thug Lachlainn às,
'S gun d' chlisg an t-anam às,
'S gun do theich 'ad ro na pàircean,
'S gun do stad 'ad anns na bruachan.
Notes (fieldnotes):
Source: Lachlann Iain 'ac Lachlainn (MacInnis).
Team notes:
The placename Cape Mabou is mentioned in this track.