GF182i03 BRISTEADH NA LAMPA Beulaiche: Aonghas mac Eoghain Ruairidh | Angus Gillis Chan eil agamas ach an dà cheathramh 's a fonn dheth, ach chaidh a dheanadh air Ceap Màbu, do Lachlann Iain Eachainn, bràthair do Ailig Iain Eachainn. 'S e 'white-headed boy' a bh' aca air ann am Beurla. Bha 'ad gàbhaidh math gu fight. Ach— [Séist]: Tha buaidh air an uisge-bheatha, Tha buaidh air 's nach còir a chleith, Tha buaidh air an uisge-bheatha, Gun òlainn teth is fuar e, Tha buaidh air an uisge-bheatha. 'S a' lampa a chosg na sòbharan, Cha robh a' leithid 's a' phrovince, Gu robh pìos dhi anns gach corner, Nuair a chaidh am bòrd a bhualadh. 'S a' chiad éibh thug Lachlainn às, 'S gun d' chlisg an t-anam às, 'S gun do theich 'ad ro na pàircean, 'S gun do stad 'ad anns na bruachan.