Back to recordings

Sgeulachd na Muice Duibhe

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF179i02_181i01 SGEULACHD NA MUICE DUIBHE


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Tha mi cinnteach gu bheil mi deas. Sgeulachd air Rìgh Éirinn. Chan eil beachd agam air a' seo chluinntinn aig neach. 'S e leughadh a rinn mi ann a' —ann am Beurla 's dh' eadar-theangaich mi a-null i mar a bha mi dol, agus tha mi cinnteach nach math dhomh innse car mar a—mar a thuig mi fhìn i.


Bha rìgh air Érinn agus bhiodh e 'dol a-mach a shealgaireachd tric ach co-dhiù, latha dheth bha e 'mach a' sealgaireachd, cha do thachair sealg idir ris 's bha e a' chuid mhór dhe 'n latha 'muigh 's cha d' fhuair e sealg. Ach—'s e—chunnaic e sin muc dhubh agus shaoil leis bho 'n a chosg e a' chuid mhór dhe 'n latha, gum feuchadh e ris a' mhuic fhaighinn co-dhiù agus as a deoghaidh a thog e. Chuir e an t-each gu astarach. Nuair a bhiodh esan air—air a' chnoc seo, bhiodh a' mhuc as an t-slocan air thoiseach air 's nuair a bhiodh esan as an t-sloc bhiodh a' mhuc air cnoc air thoiseach air 'is lean 'ad air an dol a bha sin gus an d' ràinig 'ad iomall na fairgeadh.


'S a-mach a ghabh a' mhuc air a mhuir, ach nuair a ràinig esan an tràigh, chuir e na spuir ris an each 's a-mach a ghabh e fhéin as a deoghaidh. Agus lean e i 'is bha e 'ga leantail, ach thuirt e ris fhéin ma dheireadh gur e—dòcha gur ann airson a chur gu bàs a thàinig a' mhuc a bha seo 's a lean e i, ach co-dhiù, lean e gus an d' thug an t-each suas air a chaidh e—thug an t-each suas dar chaidh e fodha. Chaidh e am bàthadh. Chùm esan roimh' air snàmh.


Agus mu dheireadh bha e fhéin a' fàs gu math sgìth. Bha e gus thoirt fairis ach chunnaic e fearann air thoiseach air. Agus tha mi cinnteach gun d' thug sin beagan misneachd dha agus chùm e roimhe co-dhiù, ach nuair a ràinig a' mhuc an tràigh suas a ghabh i air an fhearann agus nuair a ràinig esan cladach, chaidh e fhéin suas. Bha e ann a' sin air—rinn e a-mach gu robh e air eilean 's bha an t-àite falamh. Agus thuirt e ris fhéin, nach ann [gloicean/ gu ? cion?] matha a chaidh—a thàinig e a' seo, a chaidh a [thiomadh] a' seo idir. Ach thuirt e gum bu bhochd an duin' e fhéin, gum bu truagh an duine mura faigheadh e àite air choireigin, fasgadh, ged a bha e air eilean 'na ònrachd agus chaidh e a shiùbhail mu 'n cuairt.


Agus fada no goirid gun deachaidh e, chaidh e sìos an gleann agus chunnaic e caisteal ann a' sin, agus rinn e sìos air a' chaisteal. 'S bha doras gu math leathann air a' chaisteal agus cha robh e ach ìseal agus bha ràsaran geur gu h-iseal aig bonn an doraist agus snàthadan fada biorach gu h-àrd. Agus b' fheudar dha leum a thomhas agus gheàrr e leum a-staigh fo na snàthadan agus os cionn nan ràsar agus nuair a fhuair e 'staigh dha 'n chaisteal a bha seo, bha teine mór brèagha ann an teallach agus sheas e aig an teine 'ga bhlàthachadh fhéin 'is thuirt e ris fhéin nach robh seo buileach cho dona co-dhiù.


Agus thug e sùil, is bha—thàinig bòrd a-nall agus a h-uile seòrsa biadh a b' fheàrr air agus deoch 's gun duine mar—na chòir. Agus thuirt e ris fhéin gu robh seo glé mhath 's shuidh e aig a' bhòrd agus ghabh e biadh 'is deoch mar a bheireamaid, ach thug e sin sùil air a' chùl a—bha e dh' fhaireachdainn fhéin car sgìth agus bha seòmbar breàgha ann a' sin agus leaba bhreàgha ann cho—a' comhead cho math 's a chunnaic e riamh, sìoda breàgha oirre agus, bha—o smaoinich e bho 'n a bha 'n gnothach mar a bha e gu rachadh e a-staigh agus ghabhadh e tàmh. Chaidh e dha 'n leabaidh 's chaidil e. Ach a-null ré na h-oidhche uaireigin, ma dh' fhaoidte gu robh i mu mheadhan na h-oidhche, dhùisg e agus rinn e 'mach gu robh boireannach anns an an t-seòmbar, 's dh'éibh e, ach cha do fhreagair ise.


Ach co-dhiù chaidil e gu madainn agus air a dh' éirich e 'sa mhadainn, chaidh e a-mach dha 'n gharradh 's bha e 'siubhal mu 'n cuairt air feadh a' gharradh mhór a bha sin de chraobhan, tha mi cinnteach craobhan mheasa 's a' h-uile seòrs' a bh' ann, 's bha e 'dol mu 'n cuairt. Cha b' urrainn dha faighinn ás. Bha e 'dol iomrall mu 'n cuairt [ air gu ?/ deireadh, ach? ] feasgar mu dhol fodha na gréine bha e air n-ais aig doras a' chaisteal, agus b' fheudar leum a thomhas; gheàrr e leum a-staigh dha 'n chaisteal 's bha 'm bòrd—bha 'n teine breàgha roimhe 's bha am bòrd deiseil air a' bheulaibh airson biadh a ghabhail agus nuair a bha sin seachad, thug e sùil 's bha seòmbar brèagha fosgailte agus leab' éireachdail ann, 's ghabh e 'staigh ann a' sin 's chaidh e cadal, ach nuair a dhùisg e uaireigin ré na h-oidhcheadh, rinn e 'mach gu robh boireannach air feadh an t-seòmbar, fhàireachdainn boireannach a-staigh 'san t-seòmbar 's, dh' éibh e dhi ach cha do fhreagair i idir.


Co-dhiù, dh' éirich e 'sa mhadainn 's chaidh e a-mach 's bha e 'spaistearachd mu 'n cuairt, ach ma bha an garradh as an robh e an dé mór, 's ann a bha mór am fear seo. Agus bha e mu 'n chuairt air feadh a' gharraidh, is dh' fhàilig air faighinn ás ach gu—aig feasgar aig dol fodha na gréine bha e air n-ais aig doras a' chaisteil.


Agus thomhais e a leum 's chaidh e 'staigh dha 'n chaisteal mar a b' àbhaist agus bha an teine brèagha ann a' sin roimhe 's chaidh e—thàinig am bórd a-nall 's h-uile sian air a dh' fheumadh e, biadh 'is deoch, agus nuair a bha sin réidh, bha e sgìth 's chaidh e a-null dha 'n t-seòmbar 's bha leaba bhrèagha ann a' sin 'is còmhdach sìod' oirre, 's chaidil e, ach co-dhiù mu mheadhan oidhche no uaireigin a-null tro 'n oidhche dhùisg e agus chual' e boireannach air feadh an t-seòmbar agus thuirt e gum b' e —b' uabhasach a' rud a bh' ann, esan a' seo trì oidhche ann an seòmbar, cadal 'na seòmbar còmhla ri boireannach agus nach fhaca 's nach cuala e fhathast i.


"Cha bhi sin agad ri 'g ràdh fada tuilleadh," thuirt guth, agus las (e?) suas a' seòmar cho brèagha 's a bhiodh e as a' latha le soillseadh de dh' òr 's dha 'n h-uile sian bu bhoillsgeile na chéile, 's bha boireannach cho brèagha 's a chunnaic e riamh 'na seasamh an a' sin air an ùrlar, agus thuirt i ris gura h-ise bànrighinn an Eilean Uaigneach agus gu robh i fo gheasaibh, agus a dithis pheathraichean fo gheasaibh, agus nach tigeadh na geasaibh sin dhiubh gu sìorraidh gus an toireadh a mhac-san is a mac-se clìor ás na geasaibh 'ad.


Agus co-dhiù, chuir e seachad an oidhche 'san taigh agus thuirt i ris 'sa mhadainn gu robh bàta—bhiodh bàta deiseil aige 'son dhol air ais a dh' Éirinn. Co-dhiù chaidh i còmh' ris dh' ionnsaigh a' chladaich 's chuir e aghaidh a' bhàt' ri muir agus a cùl ri tìr agus thog e rithe, agus mar a thuirt 'ad, "Cha bh—cha do bhrist e ràmh no crann," ach sheòl e air n-aghaidh a dh' Éirinn, agus 's e fuaim an t-soirbheis agus feadaireachd nan easgannan bu cheòl dha. Agus ràinig e thall Éirinn. Is bha 'n gnothach mar sin, tha mi cinnteach gu robh esan ris an t-sealgaireachd 's bha e 'dol an aghaidh bha a bha e roimhe.


Ach co-dhiù, bha trì earrannan dha 'n bhliadhna air a dhol seachad agus fhuair bànrighinn an Eilein Uaigneach mac. Agus neo-ar thaing nach deachaidh cùram a ghabhail dha 'n mhac a bha sin, agus deagh ionnsachadh thoirt dha. [?] leth a' latha ri ionnsachadh na gaisgich a thoirt dha, agus leth eile dhe 'n latha, ionnsachadh na buidseachd 's na draoidheachd a thoirt dha. Agus dh' fhàs e suas gu bhith 'na bhalach òg foghainneach.


Ach latha dhe 'n dàinig e dhachaigh ás a' bheinn sheilg na [seòl / seilg ?]. Bha e 'muigh far na sealg, ge be cà robh e, bha a mhàthair a' caoineadh nuair a ràinig e dhachaigh. Dh' fhaighneachd am mac dhi gu dé a-nist a bha 'cuir oirre, no an trioblaid a's a' robh i.


"O, nach coma sin," ars' ise, "Nach eil mo dheagh charaid," ars' ise, "a' dol a bhith air a chur gu bàs."


Agus "Cò sin?" ars' esan.


"Tha," ars' ise, "Rìgh Éirinn. Agus tha Rìgh na Spàinn' 'tighinn a-nall le arm, le armachd agus le cabhlach agus tha 'ad a' dol—dol 'ga sgrios," ars' ise, "far uachdar an talmhainn 's 'dol a thoirt bhuaithe na rìgheachd 's gach nì."


" 'S gu dé sin dhuinn?" ars' esan. "Ach nam bithinns'," ars' esan, "thall, bheirinn cuideachadh dha."


"An dà," ars' ise, "bho 'n a thuirt thu fhéin sin, cuiridh mis' a-null thu a-nochd," ars' ise.


Agus ghabh e a dh' ionnsaigh a' chladaich a' feasgar sin agus chuireadh—bha am bàta deiseil 's chuireadh a h-aghaidh ri muir 's a cùl ri tìr. Agus cha robh aige ach fuaimean ceann an t-soirbheis agus feadaireachd nan easgannan mar cheòl gus an d' ràinig e thall Éirinn. Agus ghabh e suas far an robh Rígh na Spàinneadh agus dh' iarr e fosadh còmhradh air gu madainn. Gheobhadh e sin.


Agus co-dhiù, chaidh e suas à chaisteal Rìgh Éirinn agus chaidil e sin ach dh' éirich e tràth 'sa mhadainn agus chuir e air éideadh catha agus thug e leis 'n claidheamh [ maol oireach? ainm a' chlaidheimh? ] agus sìos a chaidh e far an robh Rìgh na Spàinne, 's thuirt e ris, thuirt e ri Rìgh na Spàinneadh a chur air a shon fhéin, agus chaidh sin a dhèanamh, e fhéin agus a chuid armachd agus thòisich an cath a bha sin.


Agus b' e sin an cath uabhasach, agus mu 'n deach a' ghrian fodha, bha Rìgh na Spàinn' agus a h-uile gin dhe shaighdearan marbh air uachdar an talmhainne. Agus co-dhiù, rinn 'ad cuirm mhór 's cuireadh thoirt dhan na bha mu 'n cuairt agus thuirt a' bhànrighinn gura h-e mac a b' aosd' a shàbahil ásan.


Ach co-dhiù, nuair a bha a' chuirm mhór a bha sin seachad 's bha na h-aoighean air falbh, thuirt ise gu robh ise 'dol thoirt deoch dhe 'n choigreach co-dhiù, agus dar a chaidh an deoch a thoirt dha agus chuir—thug i a-staigh a sheòmbar e agus thuirt i ris suidhe ann a' sin ann an cathair a bha taice ris an uinneig, agus thàinig i a-nall 's thug i deoch dha agus is cinnteach gu robh an deoch gu math suaineach co-dhiù agus cha robh esan tiota gus an do thuit e 'na chadal 's thug i upag dha 's a-mach a ghabh e, a-mach air a' mhuir.


Co-dhiù nuair a bhuail e 'n t-uisge, dhùisg e 's bha e a' snàmh fad ceithir latha 'is ceithir oidhche.
Thàinig e sin gu sgeir mhór a bh' anns a' chuain agus fhuair e suas air a' sin. Agus bha e ann a' sin fad greis mhóir, is bha e tighinn beò air [meillearachd?]; cha robh an còrr ann air am biodh e sin beò ach na ruic a bh' air a' chreig.


Agus bha an t-aodach air cnàmh dheth 'is bha e air fàs fuar sin 's bha sin—co-dhiù, soitheach a' dol seachad latha agus chaidh 'ad ann an ceò agus thog an ceò beagan agus chunnaic 'ad an sgeir a bha seo agus ghlaodh an sgiobair 'ad a chur an t-soithich mu 'n cuairt beagan mu rachadh 'ad air a' sgeir. Ach thug e an aire gu robh cuideigin air a' sgeir agus thuirt e riù' bàt' a chur sìos agus 'ad a dhol dh' ionnsaigh na sgeir agus an duine a bh' ann a thoirt ás.


Co-dhiù, thug 'ad an duine far na sgeir agus suas dh' ionnsaigh an t-soithich 's tha mi cinnteach gu robh e fàs—a' fàs dubh 's air a chòmhdach le [meillearachd?], gu robh i air tighinn air uachdar fhéin. Co-dhiù, dh' fhaighneachd 'ad dheth cò e 'is thuirt e, "Biadh 'is deoch an toiseach, 'is bruidhnn an uair sin."


Co-dhiù, thug 'ad dha biadh 'is deoch agus dh' fhoighnich e sin dha 'n sgiobair cò ás a thàinig e. Thuirt e gun d' thàinig e bho 'n Eilean Uaigneach. "'S b' fheudar dhomh," ars' esan, "fhàgail. Bha lasair ann an cunnart teine chur ri siùil a' bhàt' agam 's ris a' bhàt' gu léir."


"Seadh," ars' esan, " 's am bu toil leibh a dhol ann?"


"Tha seòl beag gu dearbh," ars' a' sgiobair.


"An dà," ars' esan, "ma bheir sibh leibh mise dh' ionnsaigh an Eilein, 's cha bhith cùram na cunnart duibh."


Dheanadh 'ad sin, agus thug 'ad leò' dh' ionnsaigh an Eilein e agus neo-ar-thaing nuair a ràinig 'ad an t-eilean 's a chunnaic a mhàthair ann nach robh i toilichte fhaicinn ach bha i dh'fhaighneachadh dhe gu dé a bha 'ga chumail an ùine bha e air falbh.


Dh' innis e dhi mar a thachair co-dhiù, h-uile sian agus, "O", ars' ise, "Ma dh' fhaoidte," ars' ise, "gun tigeadh latha fhathast, nach rachadh sin gu [m' aire/math dhi?] idir." Agus co-dhiù, bha esan fad ùine an uair sin air an eilean agus bhiodh e sealgaireachd 's bha 'ad a' tighinn beò air a sin ach co-dhiù latha dhe 'n —thainig e dhachaigh bha ise a' sileadh nan deòir 's a' fàsgadh nan dòrn, is dh' fhaighneachd e dhi gu dé a bha a' cur oirre. Thuirt i gu robh caraid—deagh charaid ann an cunnart a bheath' a chall.


"Is cò tha sin?" ars' esan.


"Tha," ars' ise, "Rìgh Éirinn. Tha Rìgh òg na Spàinnt' air éirigh suas agus tha e a' tighinn le feachd mór agus cabhlach airson Rìgh Éirinn a chur gu bàs 'is—agus a h-uile gin ac' a sgrios far uachdar an talmhainne agus an rìoghachd a ghabhail a-null.



"Agus tha e," ars' ise, "a' deanamh sin, 'son dìoghaltas air Rìgh Éirinn airson athair a mharbhadh, a mharbh thusa."


"An dà," ars' esan, "nam bithinnsa thall, bheirinn cuideachadh dha."


"Ach on a thuirt thu fhéin sin," ars' ise, "Cuiridh mis' ann thu." Agus co-dhiù, fhuair e—chaidh e as a' bhàta agus sheòl e agus bha—'s e séideadh ciùin an t-soirbheis agus feadaireachd nan easgannan a bu cheòl dha agus cha b' fhada gus an robh e thall an Éirinn.


Agus chaidh e far an robh Rìgh na Spàinne agus dh' iarr e fosadh còmhrag air gu madainn. Gheobhadh e sin. Co-dhiù, chaidh e a chadal agus a's a' mhadainn nuair a dh' éirich e, chuir e air éideadh catha agus an claidheamh [ maol oireach? ] agus chaidh e suas far a' robh Rìgh na Spàinnteadh agus thuirt e ris cuir air a shon fhéin, agus thòisich an cath agus ma bha a' chiad chath garbh fuilteach, seo am fear a bha garbh dha rìreabh.


Agus co-dhiù mar a—nuair a chaidh a' ghrian fodha cha robh aon de shaighdearan Rìgh na Spàinnte beò air uachdar an talmhainn 'is bha e fhéin marbh còmhla riutha. Ach thuirt a' bhànrighinn gum b' e a mac a b' aosda a shàbhail àsan. Ach co-dhiù, chaidh i dha 'n leabaidh an uair sin agus fhuair i balgam de dh'fhuil isean 'na beul agus shad i a-mach sin ás a beul agus thuirt i, "Siud fuil mo chridhe agus chan eil leigheas dhomhsa ach trì searragan de dh' uisge ás an Tobar Teinntean."


Ach co-dhiù thuirt—thuirt an t-òganach ri mac ban-rìghinn an Eilein Uaigneach gu rachadh esan a dh' iarraidh trì searragan dhi nan cuireadh i a dithist mhac fhéin còmhla ris. O, thuirt i gun cuireadh, agus co-dhiù dh' fhalbh 'ad. Agus fada no goirid an ùine gu robh 'ad 'ga— an t-astar dha 'n deachaidh 'ad, thàinig 'ad gu taigh feasgar agus bha boireannach ann a' sin agus cha robh coltas gàbhaidh éireachdail oirre, tha mi cinnteach, 'na dreach ann an dòigh sam bith. Tha fios nach robh i fo gheasaibh ach co-dhiù, thuirt i nuair a dh' fhosgail e 'n dorast, " 'S e do bheatha seo a mhic mo pheathar, " ars' ise, "ach chan eil trioblaidean a sàradh an t-saoghail a tha 'gad chuir ri seo."


"O chan e," ars' esan, "tha mi dol a dh' iarraidh trì searragan de dh' uisge aig an Tobar Teinntean."


"O," ars' ise, "Cha deadaich duine riamh a' sin a thill beò. Bheir—bheir mise dhut na bheil agam ann a' seo," ars' ise. "Agus till."


"O cha fhreagair sin," ars' esan, "Tha mise dol air an aghaidh, a' dol a chumail romham."


"Ma tha," ars' ise, "bidh sibh—bidh thu seo a-nochd, agus bidh thu an ath oidhch' còmhla ri piuthar do mhàthar agus innisidh i sin dhut uile."


Ach co-dhiù nuair a dh' éirich 'ad 'sa mhadainn, thuirt am fear b' aosda do ghillean Rìgh Éirinn, "Chan eil mise a faireachdainn gu math idir," ars' esan, "Tha mi tinn. Chan eil mi 'son a dhol na's fhaide."


"Mura h-eil," ars' esan, a' fear eil', "fuirich," —mac na bànrìghinn— "fuirich ann a' seo gus an till mise."


Agus co-dhiù, dh' fhalbh e fhéin agus am mac òg a' Rìgh Éirinn agus fada no goirid an t-astar a bha 'ad, aig cromadh na gréine, ìsealachadh na gréine, bha 'ad aig an taigh a bha seo agus thuirt an té sin dar a dh' fhosgail e an dorast, "'S e do bheatha seo, a mhic mo pheathar," ar's ise, "ach an ann an—ann an càs agus ann an trioblaidean an t-saoghail a tha thusa 's gun d' thàinig tu seo airson a bhith fo gheasaibh mar a tha sinn fhìn?"


"O chan ann an—chan e trioblaidan t-saoghail idir orm. 'S ann a tha mi dol a dh' iarraidh trì searragan uisge dhe 'n Tobar Teinntean."


"Agus," ars' ise, "Fuirich thus' a seo, fuirichidh sibh a' seo," ars' ise, "gus—gu madainn, agus gheobh thu 'mach an uair sin uile mar a tha gnothaichean." Agus co-dhiù, chaidh 'ad fo—gu tàmh agus a's a' mhadainn nuair a dh' éirich 'ad, thuirt i riù', "A-nist," ars' ise, "Tha bànrigh an Tobair Theinnt'," ars' ise, "agus a dhà dheug de mhaighdeannan frithealadh aice, agus tha seòmbar aig a h-uile té dhiubh. Agus," ars' ise, "tha de bheòthaichean dhe gach seòrsa a dh' ainmeachas tu agus fuamhairichean, a h-uile creutair nan geàird mu 'n cuairt air a' chaisteal. Agus tha abhainn—abhainn theine 'muigh," ars' ise, "mu 'n cuairt orra agus crios de chraobhan puinnseanta. Agus tha 'ad a' cadal," ars' ise, "an ceann a h-uile seachd bliadhna. Caidlidh 'ad 's bheir 'ad seachd bliadhna nan cadal. Agus bheir 'ad a' sin seachd bliadhna nan dùsgadh. 'S nam faigheadh duine dha 'n chaisteal," ars' ise, "ré na seachd bliadhna sin, dh'fhaodadh e dheanadh mar a thogradh e."


Ach co-dhiù, "Gheobh sinn a-mach," ars' ise,' is chaidh i fhéin a-mach agus chaidh i—shéid i fìdeag bheag agus thòisich na h-eòin air sgiathadh dha h-ionnsaigh agus a h-uile h-eun a thigeadh, dh' fhoighneachadh i dheth cò ás a thàinig e. Agus cha robh gin a' tighinn aig an robh cunntais air an àit' a bha seo, a's an robh an Tobar Teinnte.


Ach co-dhiù, thàinig seann fhìor-eun mór. Bha e na b' ainmiche na càch a' tighinn. Agus dh' fhaighnich i dha 'n fhìor-eun cò ás a thàinig e, 's thuirt an ìolair' gun d' thàinig i—um—air—far an tobar—far an Tobar Teinntean. Eilean an Tobair Theinntean. "Seadh," ars' ise, "agus gu dé naidheachd a th' agad as a' sin?"


"Tha 'ad," ars' esan, "an deoghaidh dhol a chadal. 'S tha 'ad nan cadal bho mhadainn an-dé."


Agus, uill, aig—a réir sin bhiodh 'ad a-nist faisg air seachd bliadhna nan cadal co-dhiù." Agus o thuirt mac òg a' Rìgh Éirinn nach robh esan a' faireachdainn glé mhath idir. "Mura h-eil," ars esan, am fear eile, "fuirich far a bheil thu gus an till mise."


Agus thuirt ise ris, "O", ars' ise, "bheir thusa leat an t-srian 'is gabh suas ionnsaigh na stàblaichean agams'. Agus crath an t-srian. Agus ge be gu dé an t-each a thig 'gad ionnsaigh, cuir air an t-srian agus bheir a' fear sin leis thu."


Co-dhiù, chaidh esan suas, chrath e an t-srian agus thàinig each peallach salach giobach a-mach agus chuir e cheann as an t-sréin' agus thuirt e ris, "Theirig thus' air mo dhruim, a mhic Rìgh Éirinn." Agus rinn an gille toileachadh mór nuair a chuala e seo. Cha robh fios aige riamh thuige seo cò a b' àthair dha, agus bha e 'nist glé thoilichte gun d' fhuair e 'mach. Ach co-dhiù chaidh e air druim an eich pheallaich a bha seo.


"Cum greim math,", ars' esan, "is bheiridh mise seachad thu air an abhainnn theine agus air an—air na craobhan puinnseanta. Ach cuimhnich," ars' esan, "Ma bheanas uidhir agus bhàrr geugadh do shnàithleadh dhe d' aodach, nach ith thu gu sìorruidh ach na dh' ith thu. Agus air a ruigeas sinn an caisteal," ars' esan, "bidh mise dol mu 'n cuairt ann a' sin air a'—ann an luathas an t-soirbheis. Bidh mi 'falbh cho luath ris a' ghaoith agus nuair a bhios mi 'dol seachad an uinneig, leumaidh tusa far mo dhruim a-staigh air—tro 'n uinneig. Agus ma théid leat, 's math, agus mura téid, tha thu réidh co-dhiù. Agus bidh mise feitheamh riut gus an tig thu a-mach."


Co-dhiù, chaidh 'ad fairis air an abhainn theinnte, 's chaidh 'ad fairis air na craobhan puinnsein' sàbhailte gu leòr agus air a' bha 'ad 'dol mu 'n cuairt air a' chaisteal, leum—leum am fear eile far—am prionnsa—far a dhruim, agus a-staigh a ghabh e tro 'n uinneag agus chaidh e a-staigh ann a' sin am measg na bha de bheòthaichean neònach air làr.


Bha fuamhairichean 'is mucan-mhara 's easgannan 's gach seòrsa creutairean beag 'is mór 'is fiadhaich 's gach eil' ann a' sin, ach bha e 'dol mun cuairt orra 's a' coiseachd orra 's a' dol mu—seachad gus an d' thàinig e gu bonn staidhreach mhóir.


Dhìrich e suas a' staidhre agus thàinig e gu seòmbar. Dh' fhosgail e doras an t-seombar 's bha boireannach òg éireachdail 'na cadal air leabaidh ann a' sin. Ach chùm esan roimhe, cha deach e 'staigh idir dha 'n t-seombar. Dh' fhosgail e 'n doras do 'n ath-sheòmbar agus bha té eile ann a' sin agus bha i na bu mhaisiche na a' chiad té.


Agus lean e air mar sin bho sheòmbar gu seòmbar gus an deach e dha 'n a' dhà dheug agus bha an té mu dheireadh a' toirt bàrr air—air càch ann a—ann a bhith maiseach, ach co-dhiù, ghabh e dh' ionnsaigh an trìtheamh deug agus air a dh' fhosgail e 'n t-seòmbar, chaill e fhradhairc leis cho boillsgeach 's a bha a h-uile rud a bha sin le òr.


Ach an ceann tiotan fhuair e 'n fhradhairc air n-ais dha 's e cleachdte ris an t-solast a bha sin agus ann a' sin bha a' bhànrìghinn 'na cadal air a' leabaidh òrach, air a còmhdach le òr agus na leabaidh [ ? ] òir a' dol mu 'n cuairt gun sguir. Agus an Tobar Teinnteach aig ceann na leapadh, ach nuair a sheall e air a' bhànrìghinn 's i—shaoileadh e an taca ris an fheadhainn a chunnaic e, cho maiseach 's gu robh 'ad, nach robh an fheadhainn eile a' coimhead glé mhath idir ann a' seo, ann am brèaghad, seach mar a bha a' bhanrìghinn. Ach co-dhiù, leum e suas air a' leabaidh far a' robh a' bhànrìghinn agus bha sia latha 'is sia oidhche mu 'n d' thàinig e a-nuas ás a' sin agus co-dhiù, nuair thàinig e 'nuas chaidh e a-null dh' ionnsaigh an tobair gus lìon e trì searragan.


Nuair a lìon e na trì searragan ás an Tobar Teinntean, chaidh e 'n uair sin a-null gu bòrd agus bha ceathramh muilt air a' bhòrd agus buileann arain agus ged a dh' itheadh a h-uile h-aon a bh' ann an Eirinn ás a—ás a' cheathramh muilt fad dà [?] dheug na bliadhna chan e — cha bhiodh uidhir ann 's a bh' ann nuair a thoisich iad, agus ged a dh' itheadh 'ad uidhir sin de dh' ùine,—[ fhad?] sin a dh' ùine ás a' bhuileann arain, bhiodh uidhir—ceart uidhir ann 's a bh' ann nuair a thòisicheadh 'ad.


Ach co-dhiù dh' ith esan a leòr dhen an—dhe na—[?] dha 'n mhuilt agus [dh'ith e a?] leòr ás a' bhuileann arain agus bha 'ad—uh—uidhir ann 's a bh' ann nuair a thòisich e. Ach co-dhiù thuirt e ris fhéin, "A-niste duine, nach b' e comharra bhiodh ann air duine uasal co-dhiù a' leithid seo a dhèanamh gun comhar air choireigin a bhi—fhàgail mu dheidhinn," agus fhuair e peann agus pàipear, agus sgrìobh e sìos air a 'seo gu robh e sia oidhche air a' leabaidh còmh' ris a' bhanrìghinn agus gu—gun d' thug e trì searragan ás an Tobar Teinnte agus gun do dh' ith e a leòr ás a' cheathramh muilt agus ás am buileann arain a bh' air a' bhòrd agus dhùin e 'n litir agus chuir e fo 'n a' chluasaig air a robh e na chadal e.


Agus ghabh e dh' ionnsaigh na h-uinneag 's leum e 'mach agus chaidh e air druim an eich. Agus leum 'ad fairis air na craobhan puinnseant' agus fairis air an abhainn theine agus fhuair e air an— air an fhearann cuidhteas seo agus ghabh 'ad air n-aghaidh gus an robh 'ad glé fhaisg air an—air taigh piuthar a mhàthar, agus stad an t-each agus thuirt e nach. "Chan eil mis'," ars' esan, "dol nas fhaide na seo. Feumaidh tu a-nist," ars esan, "mise a mharbhadh agus ceithir ceathramhan a dheanamh orm." Agus bha sin duilich leis a dhèanamh, tha mi creidsinn, ach co-dhìu mharbh e 'n t-each agus rinn e ceithir cheathramhan 's cha bu lugha a bha e réidh gearradh na ceathramahan na leum cearthrar de phrionnsaichean sua—'nan seasamh suas agus b' e sin na daoine foghainneach éireachdail. Agus thug 'ad móran taing dha airson cho math 's a rinn e riù. Agus b' e 'ad sin an t-each; bha 'ad fo gheasaibh aig na buidsichean agus bha 'ad—rinneadh ceithir phrionnsaichean dhe 'n each bheag pheallach. Agus nuair a thug 'ad taing mhór dhasan, dh' fhàg 'ad beannachd aige.


Agus thog 'ad rithe, gach aon dhiubh, gu an dùthaich fhéin. Ach co-dhiù ràinig esan—ach mu 'n do ghabh—mu 'n do mharbh e 'n t-each, thuirt an t-each ris gu faigheadh e slatag bheag 'na chluais dheas, agus nuair a bhuaileadh e air a—air peathaichean a mhàthar gun toireadh e na geasaibh dhiubh. Agus sin a rinn nuair a ràinig e 'n taigh, bhuail e an t-slatag air piuthar a mhàthar 's bha ise anns a' riochd bu chòir dhi bhith.


Agus dh' fhalbh e fhéin 's mac òg rìgh Éirinn agus chùm 'ad orr—romhpa gus na ràinig 'ad far an robh taigh piuthar a mhàthar agus bhuail e an t-slatag oirre-se, thug e na geasaibh dhi agus dh' fhalbh i fhéin, agus bha mac rìgh—mac a b' aosda rìgh Éirinn còmhl' [rith'?] gus na ràinig 'ad —ràinig 'ad an t-eilean agus co-dhiù dh' fhalbh esan air n-ais, e fhéin 's na gillean gus—gu—ba—dh' ionnsaigh na bànrighinn ann an Éirinn, agus dar a bha 'ad dìreach gu bhith shuas aig a' chaisteal, thàinig 'm mac a b' aosda 's spìon e na searragan ás a' mhàileid. Ghabh e suas gu mhàthair leotha agus thuirt e gura h-e—gum b' esan a shàbhail a'—a fhuair na searragan uiste. Co—dhiù, cha d' rinn am fear eile ach togail rithe dhachaigh agus—


Bha an ùine dol seachad fad—gnothaichdean a' dol math gu leòr, ach co-dhiù nuair a ruith na seachd bliadhn' a dh' ùine, dhùisg bànrighinn tìr an Tobair Theinnte, agus dhùisg na searbhantan aice agus o, na beothaichean, 's na fuamhraichean 's a h-uile creutair, agus air a dhùisg ise bha brogach de ghille a' cluich air an ùrlar 's bha e [ ? ] sia bliadhn' a dh' aois. Agus bha—bha òr air a' bhàthais aige, agus airgead air mullach a chinn. Ach thòisich ise air caoineadh. Agus cò a-nist a bha 'sa chaisteal? Cò a bhiodh 'sa chaisteal fhad 's a bha iad 'nan cadal?


Agus chaidh i sin gu seann dall ghlic a bha 'sa—chuir i fios air, 's thàinig e. Agus dh' inns' i ma—mu dheidhinn a' ghille a bha seo. "Ma tà," ars' esan, an dall glic, "Ma tha an gille mar a tha thu cantail, òr air a bhàthais agus airgead air mullach a chinn, cha bhiodh," ars' esan, "a' leithid sin de dhuine ann ach mura biodh gaisgeach a' seo, agus ma bha gaisgeach a' seo," ars' esan, " 'S e duin' uasal a bhiodh ann. Agus cha do dh' fhalbh," ars' esan, "gaisgeach uasal àite riamh gun comharra air choireigin fhàgail a dh' innseadh cò e, a bheireadh fios cò e," agus "deanaibh mion-rannsachadh air an àite agus chì sibh mar a tha gnothaichean a' dol."


Co dhiù bha 'ad a' rùrach mu 'n cuairt agus ma dheireadh dh' amais a' litir a bha seo [ orra? ] fo 'n chluasaig, agus leugh i a' litir, agus bha i an uair sin glé thoilichte ás na cùisean. Ach co-dhiù, rinn—rinn i sin deiseil agus fhuair i a h-uile h-aon dhe na geàrd a bh' orra, luchd-geàrd, agus chaidh iad ann an aon sreath. Agus bha trì mìl' a dh' astar as an t-sreath a bha sin bho thoiseach gu deireadh agus dh' fhosgail i bealach ro 'n chrios de chraobhan puinnseanta agus ro 'n abhainn theinnte.


Agus a-mach a ghabh 'ad. Agus cha do—deanadh [sad/stad?] orra gus an d' ràinig 'ad àite rìgh Éirinn. Agus nuair a ràinig 'ad an cladach air rìgh Éirinn bha—bha e fearann ac' uile air an aon taobh fodhpa fhéin, agus bha taobh na mara aig rìgh Éirinn. Chuir i suas bó aig a' chladach agus bha i ann a' sin as a'—agus chuir i teachdaireachd gu rìgh Éirinn tighinn a-nuas. Thàinig e 'nuas. Thuirt i ris am fear a bha 'sa chaisteal aicese a chur a-nuas ann a' seo, air neo gu sgriosadh i e fhéin 's na bh' ann an Éirinn aca far uachdar an talmhainne.


Co-dhiù chaidh e suas. Dh' fhaighnich e do 'n mhac a b' aosda an esan a bha 'sa chaisteal aigbànrighinn an Tobair Theinnte 's thuirt e gura h-e. Chaidh e sìos co dhiù. Chaidh òrdachadh thoirt dha a dhol sìos. Chaidh e sìos.


Dh' fhaighnich i dheth an esan a bha 'sa chaisteal, is thuirt e gura h-e. "Ma 's tu," ars' ise, "gabh air druim a' steud glas 'ud." Ghabh e air druim a' steud glas. Ghabh a' steud suas dhe na speuran 's thilgeadh mac a' rìgh sìos. Chaidh a cheann a sgailceadh air creig shìos. Chaidh an t-eachainn ás. Agus thuirt i ris a' rìgh, am fear a bha còmhla rith' a bha shuas 'sa chaisteal aicese a chur a-nuas a' seo air neo sgriosadh i e fhéin 's a dhaoine far uachdar na rìoghachd.


Chuir e sìos an darna mac agus dh' fhaighnich i an esan a bha 'sa chaisteal, 's thuirt e gura h-e. Agus thuirt i ris ma tha, a dhol air a' steud, agus dh' éirich dhasan mar a chaidh—dh' éirich dha bhràthair nuair a chaidh an steud suas dhe 'n iarmailt, thuit esan sìos 's chaidh a cheann a sgailceadh air a' chreig. Ach co-dhiù chuir i fios dh' ionnsaigh a' rìgh mura cuireadh e a-nuas gu h-ealamh an duine a bha còmhla—chaidh dha 'n chaisteal aicese gum biodh e fhéin 's na bha ann dhiubh air an sgrios far uachdar an talmhainne


Agus 'sa mhionaid chuir e fios a-null dh' ionnsaidh bànrighinn an Eilein Uaigneach i fhéin agus a mac 's a peathraichean thighinn a-nall cho luath 's a b' urrainn dhaibh. Agus co-dhiù nuair a ràinig 'ad a-nall ann an cabhag, dh' fhaighnich e dha an esan a bha 'sa chaisteal aig bànrighinn an Tobair Theinnte 's thuirt e nach canadh e gura h-e. Agus thuirt i ris a dhol sìos far a' robh i. Chaidh e sìos co-dhiù dha 'n [ mhuir ? ] far a' robh bànrighinn an Tobair Theinnte.


"An tus', " ars' ise, "a bha 'sa chaisteal?"


"O chan eil fhios 'am" ars' esan. "Chan eil mi dol a chantail gura mi."


"Thalla," ars' ise, "air druim na steud."Rinn e sin. Leu—chaidh e air druim na steud, 's thog an steud rithe suas dha 'n iarmailt, ach sheasadh esan air a druim. Is ghearradh e cumaidhean shuas anns an iarmailt leis a' chlaidheamh, agus a-nuas a thàinig an steud agus thànig e far a druim, 's chaidh e 'null. 'S chuir i a cheann air a h-uchd, aguss thuirt i ris, "'S tus' a bh' ann cinnteach gu leòr."


Agus chuir i an uair sin—chuir i fios gu bànrighinn—dh' ionnsaigh na bànrighinn—tighinn a-nuas dh' ionnsaigh a' [ mhuir? ], gu robh gnothach aice rith', 'is thàinig a' bhànrighinn a-nuas. Agus dh' fhosgail i màileid, 's thug i ás crios beag sìoda 's thuirt i ris, ris a' bhànrighinn, "Cuir siud umad," ars' ise. Chuir i oirre an crios a bha sin. "Teannaich, a' chrios," ars' ise, 's thòisich an crios a bha sin 's e cho caol cha mhór ri snaithlean. Thòisich e ri teannachadh, 's thòisich an téile air éigheach 's air rànaich.


Agus, "Cò," ars' ise, "a b' athair dhe do mhac a's aosda?"


"An gàrradair," ars' ise. Agus co-dhiù thuirt i a-rithist, "Teannaich, a' chrios," agus thòisich a' bhanrighinn air - air sgiamhail leis mar a bha e 'ga goirteachadh, is cha robh robh e neònach. Tha mi cinnteach gun robh e gus an ìre gearradh na dà leth.


"Cò," ars' ise, "is athair dhe 'n mhac a's òige?"


"An gàidsear mór," ars' a' bhànrighinn, thuirt i sin ris a' rìgh.


"Tha e iomchuidh dhut," ars' ise, "a' bhànrighinn fhaighinn air a cuir gu bàs." Agus co-dhiù, chaidh sin a dhèanamh, teine a dheanamh agus nuair a bha e gabhail gu math, chaidh a' bhànrighinn a thilgeadh ann.


Agus, "A-nist", ars' ise, "Tha e iomchuidh gu leòr dhut fhéin agus do bhànrighinn an Eilean Uigneach pòsadh [ a los ? ] gum bi thu fhéin agus ise 'nur seanair agus 'nur seanmhair dhe mo mhac-sa. Agus co-dhiù sin na chunnaic a' rìgh iomchuidh agus chuir e air falbh deich longan air a' chuain a dh' iarraidh feadhainn gu banais. Agus bhathar a' dol a dheanamh banais mhór, bha e fhéin agus bànrighinn an Eilean Uaigneach a pòsadh agus bha a mhac agus bànrighinn an Tobair Theinnte' a' pòsadh agus rinn iad banais mhór a mhair—a mhair naoi latha agus naoi oidhche agus bha 'ad ag ràdh gura h-e an latha—latha mu dheireadh a b' fheàrr na a' chiad latha.


Agus co—dhiù dh' fhalbh—dh' fhuirich bànrighinn an Eilean Uaigneach ann an Éirinn. Bha i 'na bànrighinn air Éirinn agus chaidh—chaidh a mac dh' ionnsaigh an Tobair Theinnte còmhl' ris a bhànrighinn aige fhéin 's bha e 'na thighearna air a' chaisteal agus 'na uachdaran a's a' chaisteal òrach a bha sin.


Agus sin na chuala mise mu 'n deoghainn. Ma dh' fhaoidte gu bheil 'ad a' sin fhathast.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile