Back to recordings

Manadh Tòrraidh aig Eòs Nìll

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF176i02c MANADH TÒRRAIDH AIG EÒS NÌLL


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Air manaidhean is rudan—manadh is nithean mar sin a thachair, a bhiodh a' tachairt mun tigeadh torradh, thachair dhomh fhìn rud a bha neònach agus tha mi smaointinn gun d' thàinig e gu cois fìor gu leòr. Dh'fhairich mi crathadh a' tighinn 'nam gàirdeannan aig na h-uilnean, agus bha an crathadh a thàinig ann, cha mhòr nach robh e cho dona 's gun toireadh e orm eubh a dhèanamh. Agus chaidh e seachad. Cha robh sin ann ach beagan mhionaidean 's chaidh e seachad agus cha d' thàinig a leithid sin riamh tuilleadh. Chaidh an uine seachad agus bha cunntais mhìosan co-dhiubh ann, tha mi cinnteach, mun robh mi fhìn aig torradh. Agus bha mi air fear dhe 'n fheadhainn a bha a' giùlain na ciste. Agus bha fear aig ceann agus aig ceann na ciste agus fear sa mheadhon air gach taobh. Agus thachair gur e mise a bh' anns a' mheadhon, aig meadhan na cisteadh. Agus a' dol fairis sios dhan chladh dh'ionnsaidh na h-uaighe, bha àiteachan ann às a robh an talamh car àrd. Bha sinn a' coiseachd fairis air inteachan àrd, cruinn—'s e uaghannan a chaidh a dhèanamh bho chionn bhliadhnaichean a bh' ann agus bha iad ìseal air gach taobh, ach bha an ùir, bha 'n t-àite suas àrd na mheadhon—agus nuair a thàinig sinn, bha mise nam sheasamh air an àit' àrd a bha seo. Is bha 'n fheadhainn eile às an àite ìseal air gach taobh—mar gun canadh tu bha mis' air cnoc agus càch ann an gleann. Is thàinig cudthrom na ciste orm, agus thàinig an crathadh nam gàirdeannan aig na h-uilnean nuair a thàinig cudthrom na ciste uile gu léir orm a's an àm. 'S bha 'm boireannach a bha 'n giùlan aice 'sa chiste na boireannach cho mòr, trom 's nuair a thàinig an cudthrom orms' uile gu léir, dh'fheumainn a chumail. 'S dh'fhairich mi 'n aon chrathadh 'nam ghairdeannan a's an àm a bha sin agus a dh' fhairich mi cunntais mhìosan roimhe sin. Agus tha mi cinnteach co-dhiubh bha mi geilleachdainn dhà neo nach robh gum b' fheudar dhomh aig an àm a chreidsinn gu robh e fìor, o chionn chuala mi feadhainn ag ràdh nuair a bhiodh 'ad—a chrathadh an làmhan—an gairdeannan, "Tha mo dol a bhith togail ciste mairbh. Tha mi faireachdainn mo ghàirdeannan uamhasach trom."



Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile