Back to recordings

Fairean agus Tòrraidhean

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF175i02 FAIREAN AGUS TÒRRAIDHEAN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha fear a' faighneachd dhìom mu dheidhinn cleachdainnean faire agus bà—mu dheidhinn, timchioll air bàs agus faire 'is tòrradh 's gach nì dhiubh sin. Nuair a chaochladh duine, bha feadhainn a' tighinn agus faighinn colann deiseil airson gun tigeadh feadhainn 'ga shealltainn, no ann an—anns a' sgìreachd againne, gun tigeadh feadhainn a ghabhail ùrnaigh. Bhathar a' nighe agus a' sgeadachadh na colainn. Bhathar a' cur sròl air, no deise no be ge gum biodh ann. Agus bha 'ad an uair sin, mar a chanadh 'ad, 'ga righeadh. 'Ga righeadh air 'ga cur air a—air, mar a bha 'ad fhéin, air na bùird, uill bha eisling, no déile mar a chanadh feadhainn. Bha—bha na bùird seo, bha 'ad mar gum biodh còmhla, mar gum biodh dorast a bhitheadh air taigh beag no air—no air bàthach no sian dheth sin. Bhathar 'ga chur sin air bùird. Bhathar a' dèanamh feadhainn air bùird 'ga chur air uachdar barailte airson an chumail suas aig an àirde agus bha 'ad 'ga chòmhdadh sin uile gu léir le anart. Bhathar a' cur an anairt, 'ga sgaoileadh sin sìos. 'S e còmhdach leapannan mar a bu trice a bha air a cur sìos agus bhiodh an t-anart bho làr—bho mhullach seo gu 'n ùrlar.


'S bhiodh anart air a chur mu 'n cuairt air na ballachan cuideachd a's an àite sam biodh—a's am biodh am marbh air na bùird agus bha—ma dh' fhaoidte gum biodh cuid dhe 'n lobhtaidh fos a chionn air a chòmhdach. Bha 'ad a' faighinn aodaich a bhiodh a' dol air leapannan 's 'gan cur suas, aodaichean tana. Agus bha an giùlan air a—air an eisling sin fad na h-oidhcheadh 's bhathar a' deanamh na ciste agus nuair a bha a' chiste deiseil, chaidh am—chaidh am marbh a chur 'sa chistidh agus bha i—bha i air a' chòrr—an còrr dhe 'n ùine, ma dh' fhaoidte gura h-e rud a—'s e rud a b' ìsle na na barailtean a bhiodh a' dol [foidhpe?] an uair sin. 'S bhathar a' cur—a' togail a h-uile sian a-mach ás an taigh agus 'ga cur air na—air àite na b' ìsle ma bha sin ri faotainn, 's mura robh, dh' fhàgadh 'ad na barailtean fhéin ann.


'S bha fear a' faighneachd dhìom mu dheidhinn coinnlean. Uell bha e 'na chleachdadh thall a's na paraistean againn, am Pòn Mór 's a' pharaiste Bail' Iain, agus cinnteach aig parraist' a' Bhàigh an Ear agus an fheadhainn dhe 'n réir sin coinnlean a bhiodh aca, bhiodh coinneal aig ceann na cisteadh agus aig na casan mar a bheireamaid. Agus dh' fheumt' a bhith 'cumail fair' air a' sin fad na h-oidhche a thaobh as an t-seann aimsir 's e coinnlean geireadh a bhiodh ann. Cha robh coinnlean céireadh aca ach coinnlean a bha 'ad a' dèanamh le—air geir. Ach tha mi 'n dùil gun do dh' innis mi cheana mu dheidhinn obair na mòlltair agus deanamh nan coinnlean.


Bha a' chist' air a dèanamh a réir meudachd an duine agus bha 'ad a' tomhas an neach cross aig na—far an robh na h-uilnean, eadar na guailnean 's na h-uilnean agus bhathar a' dèanamh na ciste na bu leathan na sin agus cumhang aig na casan agus beagan—bha e cumhang aig a' cheann ach cha robh e faisg cho cumhang 's a bha i aig na casan. Agus b' e sin an seòrsa chisteachan a bhiodh aca 'gan dèanamh a's an àm sin.


Is bha cuid mhór a dh' obair air an dèanamh. Dh' fheumte dà bhòrd bhrèagha réidh fhaighinn a bha 'san fhad. Agus bha 'ad a' dèanamh cunntais de ghearraidhean tarsainn air na bùirdean sìos pìos dhe 'n astar le sàmh dùirn agus bha 'ad a' cur a' bhùird air—bha 'ad a' cur fuirm fodha air gach ceann, ealag fodha air gach ceann agus a' cur cudrum sìos air a' mheadhan 's bha 'ad a' deanamh gearradh eile leis na sàimh sìos ann gus an robh 'ad air an gearradh cho math 's gu lùbadh na bùird a-staigh agus gheobhadh 'ad coire de dh' uisge a bheireadh—bha e cho teth 's gu robh ceò a' tighinn ás agus rachadh sin a dhòrtadh air an fhiodh. Agus bheireadh sin cothrom dhaibh gum biodh e—gu lùbadh e.


Bhiodh ùrlar na ciste air a dhèanamh anns a' chumadh bha e ri bhith. Agus bhathar a' cur nan taobhannan air 's bha—bha an ceann agus na casan, bùird a bha 'dol a's a' cheann 's a's na casan aig a' chiste, bha 'ad air tàirneachadh 'nan àite fhéin. 'S bheireadh sin cothrom dhaibh na bùird thaoibh a thàirneachadh sìos. Agus thòisich iad aig ceann na ciste 's bhathar a' cur tàirnean a's a' - a's a' bhòrd ach cha robhar 'gan cur sìos ach—ach fada gu leòr 's gun cumadh 'ad an greim, 's bhathar a' lùbadh a' bhùird sìos air a socair. Ma dh' fhaoidte gum fheumite steall eile de dh' uisge teth a chur air mu 'n d' fhuaireadh a lùbadh sìos [ a los ? ] gun deachaidh e cho fad 's gun gabhadh e tàirneachadh sìos ris ùrlar na ciste agus ris a' bhòrd a bh' aig na casan agus a' bhòrd a bh' aig a' cheann agus nuair a chaidh sin a dhèanamh air an taobh sin, chaidh an uair sin a' leithid eile dhèanamh air an taobh eile.


Agus chaidh an uair sin an còmhdadh le aodach dubh, 's e bu ghnàths dhaibh mar bu trice. Ach mura robh an còrr aca deiseil, mura robh aodach dubh ri faotainn 'san àm, gheobadh 'ad crogan beag de stuth dhubh, péint mar a bheireadh 'ad, ann an crogan agus chuireadh 'ad sin air. Agus nuair a thiormachadh sin, cha chiodh e fada ri tiormachadh co-dhiù ma bha 'm blàths ann, is rachadh a' chiste sin thoirt a-staigh. Bha i air a [lìnigiteachadh?] mar bu tric a bhiodhte 'ga [lìnigiteachadh?] le anart geal agus rachadh an giùlain a chur 'sa chiste sin.


Ach cha robhar a' cur a' còmh—a' cur an uachdar oirre, am bòrd uachdair—bha e deiseil, ach cha robh 'ad a' cur sin oirre gus am biodh ['ad?] a' falbh 'sa mhadainn leis a'—leis a' ghiùlan ma 's ann 'sa mhadain no feasgar a bha 'ad a' falbh leis. Agus bhathar an uair sin a' dùnadh na cisteadh. Agus bhathar a' toirt an teaghlaich uile, no muinntir an taighe uile, a shealltainn air an neach a bha 'sa chistidh, dh' fhaicinn sealladh mu dheireadh dheth mu 'n dùnadh 'ad a' chiste.


Agus 's e sin—b' e sin bu chleachdadh dhaibh a's an àm. Ach anns an t-seann aimsir chan eil cuimhn' agams' air idir. Ach bhiodh 'ad a' giùlain na ciste gu 'n eaglais agus gu 'n chladh air asatar mhór, 'gan giùlain air an guaillean. Ach tha cuimhn' agam glé mhath air a bhith giùlain na ciste bho eaglais a dh' ionnsaigh far an robh 'ad 'ga tìodhlachadh agus cha robh astar glé fhad' ann. Canaidh sinn gu robh ma—o ma dh' fhaoidte ceithir, ceithir no còig de cheudan slat. No ma dh' fhaoidte astar na bu lugha na sin. Agus bha 'ad a' giùlain na ciste 's cha robh 'san àm sin ach aon sam bith a bhiodh deiseil, a bha mu 'n cuairt, rachadh 'ad a ghiùlain na ciste.


Cha robh 'ad mar a tha 'ad mu dheireadh, a' taghadh feadhainn airson airson giùlain cisteadh. Tha luchd giùlain aca an-diugh 'ga thaghadh—'ga thaghadh airson a h-uile tòrradh. Bidh—bidh feadhainn aig an taghadh sònraichte airson giùlain na cisteadh a-staigh— a-staigh ás a' charbad, 'ga thoirt a-staigh dha 'n eaglais agus 'ga giùlain ás a' charbad 's ga cur aig beul na h-uaghach.


Agus sin, tha mi cinnteach mar a—na dh' innseas mi mu dheoghainn 'dol air n-aghaidh timchioll air faire agus air tòrradh agus tha mi 'n dùil g' eil sin fhéin gu leòr. Chan e—chan e bruidhinn gàbhaidh mór thoileachadh a th' ann gu bhith bruidhinn 's air—air faire 's air tòrradh. Tha mi smaointinn gur e bainnsean a bu taitniche ged a bhiodh 'ad a' sabaid orra!

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile