Back to recordings

Naidheachd air Réiteach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF175i01c NAIDHEACHD AIR RÉITEACH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha, bha fear eil' ann agus dh'fhalbh, dh'fhalbh feadhainn a' fear còmhla ris airson boireannach iarraidh. Agus dh'fhuirich e fhéin aig a' rathad shìos. Agus bha dithis do bhoireannaich a' gabhail a' rathaid as an àm agus chunnaic 'ad 'ad seo a' tighinn agus bha—'s e cuid dhe bharail aca càit a' robh iad a' dol. Agus chaidh iad a' falach, 's e a chaidh 'ad fo dhrochaid. Bha drochaid mhór fhiodh air a' rathad agus chaidh na boireannaich sìos. Shuidh iad ann a' sin air, air clach mhór agus bha iad ag éisteachd agus dh'fhuirich a' fear seo aig a' rathad. Bha e 'na sheasamh glé fhàisg aig—air, ma dh'fhaoidte gur ann air an drochaid bha e 'na sheasamh. 'S chaidh a' fear eile suas dh'ionnsaidh an taighe, 's dh'fhoighneachd e dhe 'n duine a bha shuas an sin, an tugadh e a nighean dhe 'n té—dhe 'n duine bha seo, airson a pòsadh. Agus cha toireadh e dha a nighean idir. Agus nuair a, nuair a ràinig a' fear eile shìos an drochaid far a' robh an duine seo 'na sheasamh 's bha na boireannaich gu h-ìseal ag éisteachd ris, thuirt a' fear a bha 'na sheasamh air an drochaid, "An d' fhuair thu i 'ghaol, Alasdair?"
"An dà, cha d' fhuair, Sheumais. Cha d' fhuair mi idir i."
"An dà, an Donas gun tog ise leis," ors' esan. Agus chaidh an gnothach seachd aig a' sin.



Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile