Back to recordings

Naidheachd air Pòsadh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF175i01b NAIDHEACHD AIR PÒSADH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Seadh, thuirt—bha, mar—bha sinn a' bruidhinn air tochradh agus air pòsadh is bainnsean 's gach nì tha sin, agus a' bharrachd air gum biodh feadhainn a' dol còmhla ris an fhear a thoirt deagh chunntais air—a's a—agus a' sin, bhiodh feadhainn eile a' toirt comhairlean air feadhainn a bha gun phòsadh, 's—duine a bha 'ad a' smaointinn a bha iomchuidh gu leòr dha pòsadh. Agus bhiodh 'ad a' toirt comhairl' air, cuideigin a dh'ainmicheadh 'ad, té air choireigin airson a phòsadh. Agus bha fear thall ann an ceàrna de Cheap Breatainn, bha mi fhìn eòlach air a chuideachd, agus bha mi eòlach air an fheadhainn a bha seo, agus thuirt 'ad ris an fhear seo là is bha e—bha e dol suas am bliadhnaichean 's cha robh e pòsdadh idir 's thuirt 'ad ris, cuideigin ris gum bu chòir dha pòsadh. Agus bha e gàbhaidh gu damanadh a' fear seo gu—chanadh e rud cho furasda. Cha robh sian coir' ann. Agus thuirt fear dhe na bh' ann 's 'ad a' seanchas, "A-nist, a Dhiarmaid," ars' esan, "Nach bu chòir dhuibh-p fhéin agus do Mhàiri Dhòmhnall Mhurchaidh pòsadh?"
"Nach—," ars' esan, "A Dhia, seall oirnn! An e Màiri an diabhal? uill 's e is nach do bhruidhinn mise riamh rithe."

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile