Réiteach, Pòsadh agus Tochradh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF174i04 RÉITEACH, PÒSADH AGUS TOCHRADH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bhathar a' bruidhinn air réiteachadh 'is pòsadh agus tochradh is dha na nìthean sin. 'Is timchioll air—air—mu 'n Rubh' Mheadhanach 's mu 'n cuairt astar, mhìltean timchioll air—air feadh—ann am paraistean. Bha e 'na chleachdadh 'san t-seann aimsir gu rachadh 'ad gu rèiteach. Far a dh' fhalbhadh cuideigin còmhla ris an fhear, an duin' òg a bha dol a phòsadh. Agus rachadh am fear sin a bhruidhinn ris an fhear a bha gu bhith 'na athair-chéile dha 'n duin' òg. Agus dh' iarradh e nighean an duine sin airson—dha airson a pòsadh. Agus bu tric leis, gun innseadh e mu dheoghainn an duine, gu dé seòras duin' a bh' ann. Bheireadh e moladh air 's dh' innseadh e mu dheidhinn cho math 's a b' aithne dha. Agus ma—nam biodh an duine—athair na h-ighne deònach a nighean a thiort dha, agus an nighean fhéin deònach an duine phòsadh, rachadh e an uair sin a' chùis, mar a bheireadh 'ad, a' réiteachadh. Bha 'ad deònach gu leòr agus rachadh réiteach a dhèanamh. Agus ma dh' fhaoidte gun deante an oidhche sin deagh réiteach mór, gum biodh—gum biodh fearas-chuideachd ann, danns' 'is ceòl agus òran 's mar sin. Agus bha 'ad a' falbh a-màireach gu pòsadh no ma dh' fhaoi—uill tha fhios, a's a' cheàrna faar an robh mise, dh' fheumadh 'ad—bha 'ad a' dol gu—gu sagart airson pòsadh. Chan eil mi 'n dùil gum biodh e cleachdte dha 'n t-sagart tighinn, tighinn dh' ionnsaigh an taighe 'gam pòsadh idir agus nam biodh fear ann a' dol air astar, a' dol a dh' àite pharaist' eile a dh' iarraidh bean, rachte còmhla ris ann a' sin agus rachadh an—rachadh a' réiteach 's a' bhanais 's am pòsadh a dhèanamh a's a' pharaiste sin fhéin. Agus ma dh' fhaoidte gu—nuair a thilleadh 'ad dhachaigh ás a' sin, gun rachadh banais mhór a dhèanamh.
Agus bu ghlé thric gu robh aca ri falbh air pìos de dh' astar gu—agus bheireadh 'ad greis de dh' ùine a' dol ann agus bu ghlé thric ann 'gan cois, ma dh' fhaoit' 'iodh 'ad a' falbh. Ach mu dheireadh thàinig an gnoth—thàinig atharrachadh air gnothaichean agus rachadh feadhainn a dh' iarraidh—a dh' iarraidh na h-ìghneadh air duine agus gheobhadh 'ad i, mar a bha 'ad a' fàs cho eòlach air a chéile. Agus rachadh an gnothach a dhèanamh. Nist, bha a's an eaglais Chaitligeach, bha 'ad an toiseach, cho fad 'sa gheobhainn a-mach, a-réir mar a bhios 'ad a' seanchas, cha robh 'ad ach—ann ach réiteach a-nochd, mar gum biodh, agus pòsadh a-màireach. Ach mar a—mu dheireadh, thàinig e gu réiteach agus gu feumte an éigheachd air Didòmhnaich, 's bhathar air trì éibheannan a thoirt seachad. Bha co-dhiù a dhà, no ma dh' fhaoidte am bitheantas trì éigheanan. Agus bhathar—bhathar an éigheachd a dhèanamh air dòigh 's gum biodh fios aig—aig gach taobh gu dé mar a bha e 'dol. Ma bha cuideigin ann a bha, fear a' smaointinn nach bu chòir dha an té—an té ud an duine ud eile a phòsadh, ma bha cùmhnant eadarra, dh' fheumte sin a chur air saod agus ma bha té ann a bha adhbhar sam bith aice air fear, a' fear a bha 'dol a phòsadh, gun cuireadh i tilleadh anns a' phòsadh. Bha an t-àm a' dol air—ri sin a dhèanamh mu 'n rachadh am pòsadh a dhèanamh. Ach tha sin coltach gum biodh—gun d' ruith sin a-mach còmhla ris a h-uile fasan eile. Ach tha 'ad fhathast anns na h-eaglaisean Caitligeach, tha 'ad ag éigheach na càraid. Agus chanadh 'ad, air an trìtheamh Dòmhnaich chanadh 'ad, "'S e seo an éigheachd mu dheireadh aca. Agus aon sam bith aig a bheil fios air adhbhar nach bu chòir dhe 'n chàraid seo pòsadh, thigeadh e air n-aghaidh a-nist air neo fuirigheadh e tuilleadh samhach." Agus sin mar a bha gnothaichean a' dol.
Uill, 'nis bha tochradh ri thoirt. Bhite a' coimhead airson tochradh a's an àm. Agus bhiodh—bhiodh am bitheantas, ma bha an tuathanach air a—cuibheasach math air a dhòigh, ma dh' fhaoidte gun toireadh e mart dhe 'n an nighinn a bheireadh i leatha 's bhiodh sin aice fhéin 's aig a companach airson tòiseachadh air tighinn—air dhol air n-aghaidh, gu h-àraid mura robh e ach air ùr-thòiseachadh le tuathanachas bhiodh—bhiodh mart aice, no rachadh caora no dà chaora a thoirt dha 'n nighinn airson tochradh. No bhathar a' toirt tochradh dhi a bha 'ad—a dheanadh cuideachadh co dhiù. Agus tha mi creidsinn gu bheil sin an deoghaidh ruith a-mach còmhla ris a' chòrr. Ach tha 'ad an diugh, [ fear? ] a' deanamh leithid do dhol timchioll air a' ghnothach a th' ann agus nach bi feum aca tochair a thoirt dhaibh. Tha 'ad an deoghaidh uidhir a chruinnicheadh dhe 'n—oidhcheanan agus fearas-chuideachd aca ro 'n a'—ro 'n a' bhanais agus gun téid cuid mhór thoirt dhaibh airson tighinn beò air.
Ach tha mi tighinn—dha m' inntinn nuair a bhiodh dìle mhór shileadh ann, chanadh feadhainn "Nach ann a' seo tha a' steall bhainnseadh". Agus tha mi smaointinn gum biodh—gur e—gun do—gun d' thàinig sin, gnàth facal a bha sin ás nuair a bhiodh càraid a' pòsadh agus a bhiodh 'ad a' tighinn dhachaigh far banais, latha na bainnseadh, gum biodh dìle ann de dh' uisge agus 's e —'s e "uisge na bainnseadh" a bheireadh 'ad no "steall bhainnseadh" nuair a bhiodh dìle gàbhaidh ann 's 'ad a' tighinn dhachaigh. Nuair a bhiodh duine fa—tighinn air turas no dol air turas agus i sileadh trom, chanadh 'ad, "O nach iad tha 'ad a' faighinn na steall bhainnseadh." Agus sin, tha mi smaointinn, an tùr a bh' aig an gnàth facal a bha sin. Agus tha mi creidsnn aig an àm seo nach eil móran ann tuilleadh a chanas mi mu dheidhinn cleachdanan mar banais 'is réiteach 'is pòsadh mura téid ceist air choireigin a chuir orm.