Back to recordings

An Déideadh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF174i03 AN DÉIDEADH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



[Joe Neil MacNeil]: Airson déideadh, mar a cuirte plàstair, no mar a cuirte—deante leigheas air choireigin feuchainn ri leigheas eadar blàths 'is a h-uile rud ann, plàstaichean teth 'is gach sian a bh' ann. Cha robh an còrr ann. Cha robh tarraing fiaclan ann.


[John Shaw]: Nach robh?


[JNMN]: O cha robh, gus an crathadh—crathadh na fiaclan asta, is … dh' fhalbhadh 'ad astar le déideadh no ge b' e a bh' ann. Cha robh an còrr—cha robhar a' cuir—cha robhar a' dol gu dotair fiaclan ann.


[JS]: Cha robh.


[JNMN]: Bha mi fhìn, bha mi fhìn fichead bliadhn' a dh' aois mu 'n deachaidh mi gu dotair fiaclan. Agus b' fheudar dha trì fiaclan a tharraing asam an uair sin. Ach bha mi an deoghaidh fiacail a chall roimhe sin. Mar—cnàmh nam broinn 's a thàinig asam na—na bloighean. Cha robh mi an dùil gu robh 'ad a' bheag na bu mhiosa. Bha feadhainn ann an uair ud an bha na fiaclan aca gu math làidir. Ach chan e nach robh cuid a' faighinn—cuid mhath leis an déideadh. Tha mi—tha mi cinnteach, le cion stuthan airson a bhiodh cumail na fiaclan ann an saod, 's air dòigh. Tha mi cinnteach gu robh 'ad a' faighinn barrachd le déideadh. Bhiodh 'ad a' cò—seanchas mu dheidhinn eòlas an déideadh, co-dhiù bha e 'g obrachadh dhaibh 's gu nach robh. Bha 'ad a' cantail gu robh—gu robh eòlas an déideadh ann. Agus cha do dh' fhiosraich mise riamh co-dhiù e, ach cha robh eòlas an déididh agam riamh. Ach bha—bhithinn 'gan cluinntinn a' còmhradh mu dheoghainn co-dhiù.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile