An Cù a' Breislich
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF172i07 AN CÙ A' BREISLICH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bhiodh comharra eile ac' air an t-sìde aig gu h-àraid bhiodh 'ad cunnartach air stoirm nuair a bhiodh an cù a' breislich. Bhiodh an cù 'na shìneadh air an ùrlar, 'na chadal agus bhiodh e crathadh a spògan 's e gu dèanamh mar gum biodh leth-chomhart bheag no bhiodh e bhua—bheireadh e crathadh air fhéin mar gum biodh e 'na ruith 's e comhartaich as deaghaidh creutair. 'S chanadh iad, feadhainn gu robh a' soirbheas a' dol a bhith séideadh bho 'n taobh a bha, a bha sròn a' choin sealtainn 'ga dh'ionnsaidh. Ma bha an cù 's a ghob aghaidh dhe 'n ear, gur ann ás an taobh sin a bha stoirm gu tighinn. Agus bha sin aca na chomharra air an t-sìde còmhla ri iomadh comharran eile a bhiodh aca.