Back to recordings

An Saighdear a Thug Bòidean

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF163i03_163i01 AN SAIGHDEAR A THUG BÒIDEAN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Sgeulachd seo, o leugh mi i o chionn corr 'is leth cheud bliadhna a dh' ùine. Chuala mi i 'ga h-aithris a' bharrachd a bhith 'ga leughadh. 'S e gill' òg a chaidh a choimhead airson cosnadh agus tha e coltach gu robh cosnadh cho gann 's cho duilich fhaotainn a's an àm agus rinn e suas 'na inntinne gun rachadh e dha 'n arm, gun dean—gun rachadh e còmhl' ris—dha' n t-saighdearachd agus bho 'n nach robh an còrr cosnaidh ri fhaotainn a's an àm. Nuair a chaidh e dha 'n t-saighdearachd, tha mi cinnteach gun do—gu robh cùmhnant ann gum feumadh e bhith àireamh bhliadhnaichean anns an t-saighdearachd. Ma dh' fhaoidte gura h-e bliadhna air fhichead a dh' fheumadh e chur seachad ann an t-saighdearachd. Tha e doirbh ag—ag ràdhainn. Bhiodh 'ad a' cosg ùine mhór co-dhiù ann an—'san t-saighdearachd nuair a chuireadh 'ad a-staigh airson a dhol ann.


Ach co-dhiù nuair a thàinig an—ruith an aimsir 's bha an ùine aig' airson a bhith fàgail. Fhuair e—thug an ceannard dha litir saoirsne agus dh' fhalbh e 'is a dh' fhàg e an t-arm. Dh' fhàg e an t-saighdearachd as a dhéidh. Agus tha mi cinnteach gu robh e toilichte a bhith fàgail. Bha e a' leithid do dh' ùine mu'n cuairt aig a' ghearasdan, an àit' a bh' ann, a's t-saighdearachd agus nuair a—nuair a dh' fhàg e sin, chaidh e—choisich e air falbh agus stad e shuas air àit' àrd, air cnoc àrd no beinn àrd ás a' rathad agus chìtheadh e 'm baile shìos far an robh an gearasdan agus thuirt e, 's bha e air fàs cho sgìth dhe 'n t-saighdearachd 's an gnothach a bh' ann. "[Mise bhith?] aig an donas," ars' esan, "ma nì mi ceum seachad air a' seo gu bràth gu tuilleadh 'nam—fhad 's bhios mi beò."


Co-dhiù chaidh e mu'n cuairt, a shiùbhail an t-saoghail agus tha mi cinnteach nach robh e ach glé ghann de stòras ged a bha an ùine 'san arm 'san t-saighdearachd a bha e. Cha bhiodh an tuarasdal ac' ach glé bheag. Ach tha e coltach co-dhiù air a shiubhal gun do thachair—gun do thachair neach air choireigin ris a bh' ann an càs éiginn agus rinn e cuideachadh ris an duine—an neach a bh' ann co-dhiù ged a bha e fhéin gu math gann. Agus thug e na h-uidhir de thoileachadh dha 'n neach a bha seo agus gu robh e thoirt tiodhlaic dha air a shon. Agus thuirt e ris, an aparsaig a bh' air—a bh' aig' air a dhruim, gum fóghnadh e nam biodh e gann uair sam bith de bhiadh, bhogha a fosgladh agus a làmh a chur sìos agus gum faigheadh e sin biadh sam bith a mhiannaicheadh e. Agus thuirt e dha cuideachd gun toireadh e dha [cumachd?] air an aparsag sin. Sian sam bith a rachadh innte, nach b' urrainn dha tighinn aiste air dòigh no eucoir gus an d' thugadh e fhéin cead dha tighinn ás.


Ach bha e siubhal mu' n cuairt air feadh nan ceàrnaichean. Bha e siuibhal co dhiù 'mach air feadh an t-saoghail, a' falbh mu'n cuairt agus tha mi cinnteach gu robh e 'faighinn air n-aghaidh air dòigh éiginneach air choireigin ach cha robh an gnothach a' còrdadh ris. Bha e air chall air feadh an t-saoghail. Bho 'n a chaidh e dhe 'n—a chaidh e dha 'n t-saighdearachd 's e cho òg 's a chuir e
seachad uimhir de dh' ùine ann, cha robh fios aige cus mu dheidhinn an t-saoghail a-muigh, mar a bheireadh 'ad. Agus dh' fhàs e sgìth dhe 'n ghnothach a bh' ann agus roghnaich e latha a bha seo gun rachadh e air n-ais dha 'n t-saighdearachd, gum b' fheàrr leis tilleadh air n-ais agus a dhol sìos—greis eile dha 'n ùine na dhol an corr dhe 'n ùine ma dh' fhaoidte dha 'n t-saighdearachd fhad 's bu bheò e. Agus thill e air ais.


Agus ge b' e astar a bha e air falbh, bha e tighinn air a shocair ach ràinig e an t-àit' a bha seo as na sheas e bhos chionn, coimhead sìos air a' ghearasdan. Agus nuair a chaidh e seachad air a' seo, thachair an donas ris. "Haha," ars' esan, "tha thu air tilleadh."


"Haha ort fhéin", ars' a' saighdear. "Cò thusa?"


O dh' innis e, "Tha mi," ars' esan, " an Donas, am fear a gheall thu thu fhéin dha a' latha mu dheireadh a bha thu 'nad sheasamh ann a' seo."


"Chan eil mi 'gad chreidsinn idir," ars' esan, "gura tu a th' ann, agus dèan leòmhann béisteach fiadhaich dhiot fhéin, 's ma dh' fhaoidte gun creidinn thu."


Rinn an donas sin, leòmhann mór fiadhaich béisteach, agus b' e sin a' bheist—a' leòmhann a bha grannda.


Agus, "Chan eil mi creidsinn fhathast gura tu a th' ann," ars' esan, "Spùt lasraichean a-amach ás do bheul a seachd mìl' a dh' astar. Creididh mi thu an uair sin." Rinn e—rinn e sin. Spùt e 'mach lasraichean ás a bheul. Bha e smaointinn gu robh 'ad a' dol seachd mìl' a dh' astar. Agus, "O tha mi nis," ars' esan, "creidsinn gur e tu a th' ann, cinnteach gu leòr. Ach bho 'n a tha mi falbh còmhla riut," ars' esan, "carson nach bidh mi 'nam sheirbhiseach dhut? Agus theirig," ars' esan, "am broinn na h-aparsaig agus gun giùlain mi leam thu air mo mhuin."


Chaidh an donas am broinn na h-aparsaig. Rinn e e fhéin beag gu leòr 's chaidh e 'm broinn na h-aparsaig 's chuir an saighdear i air a dhruim e 's dh' fhalbh e leatha. Agus co-dhiù, bha e 'falbh 's a' falbh agus thàinig e gu ceàrdach mhòr far a' robh—far a' robh cunntais do ghoibhnean ag obair an sin le ùird mhór 's le ùird bheag 'is innealan. Chaidh e a-staigh agus thilg e an aparsaig a-null thuca.


"Seo," ars' esan, "Bheir thu tacan air an aparsaig ud a bualadh,",ars' esan. "Tha i an deoghaidh an craiceann a thoirt far mo dhroma 'ga giùlain." Co-dhiù, agus bha 'ad ag obair air bualadh na h-aparsaig 's leumadh i suas gu mullach na ceàrdaich 's thilgeadh a fear thall 's fear a-bhos i is bha iad ag obair oirre, ach mu dheireadh thuirt 'ad ris e 'ga togail air falbh ás a' fianais, nach chreideadh iad nach robh Sàtan fhéin innte. Agus dh' fhalbh e leis a—leis an aparsaig air a mhuin.


'S thàinig e gu sabhal mór aig an robh cunntais de fhearaibh a' bualadh, o sabhal mór gàbhaidh a bh' ann agus bha 'ad uile bualadh ann a' sin, bha ma dh' fhaoidte triùir bhualadairean air gach taobh dha 'n ùrlar bhualaidh 's bha 'ad ag obair leis na sùistean 's chaidh e—chaidh e 'staigh 'nam measg agus thilg e thuc' an aparsaig 's thuirt e riù', "Seo," ars' esan, "bheiribh greis air sin a bhualadh. Tha i 'n deoghaidh an craiceann thoirt far mo dhroma, 'ga giùlan."


'S thòisich 'ad a' bualadh na h-aparsaig 's a h-uile buille bheireadh 'ad oirre, rachadh i suas gu mullach an t-sabhail 's cha mhór nach tilgeadh i 'ad fhéin a-null 's a-nall. Mu dheireadh thuirt 'ad ris e 'ga togail air falbh, agus nach creideadh 'ad nach robh Sàtan fhéin 'na broinn.


Agus co-dhiù, bha e falbh leis a'—leis an abarsag air a mhuin. 'S o, thàinig e gu àite no dhà eile ach chan eil 'ad tighinn buileach dh' am chuimhne an dràsda. Cha robh 'ad fàbharach dha 'n droch-chreutair co-dhiù agus mu dheireadh dh' iarr e esan a leigeil ás an aparsaig. Agus thuirt e a—ris gun leigeadh e air chùmhnant ás e.


Agus, "'S gu dé na cùmhnantan a bha sin?" ars' esan.


"Tha," ars' esan, "a' chiad chùmhnant, gun thu chur dragh orm tuilleadh air an t-saoghal seo."


"Seadh", ars' esan.


"No air an t-saoghal eile," ars' an saighdear.


Agus an ceann tacain thuirt a' fear a bha 'san aparsaig. "Seadh. Agus gheobh thu na cumhnantan sin."


'S nuair a chual' e sin, thilg e an aparsaig dhe 'n abhainn 's chaidh i—chaidh an aparsaig 'san abhainn suas dha na speuran 'na lasair ghorm agus sin a' chrìoch a chuala mise a thàinig air naidheachd an t-saighdeir. Rinn—thug na—reic e fhéin, no gheall e fhéin, dha 'n droch-chreutair.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile