Back to recordings

Fionn ann an Taigh a' Bhlàir Bhuidhe

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF160i02_161i01 FIONN ANN AN TAIGH A' BHLÀIR BHUIDHE


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Tha sgeulachd agam an seo a chuala mi, o bho chionn àireamh mhór bhliadhnaichean. Tha mi cinnteach gu bheil faisg ann a—mu thuairmeachd [mu thuairme?]—o tha, tha dà fhichead bliadhna 'sa h-ochd co-dhiù bho 'n a chuala mi a' sgeulachd. 'S e fear Seumas Mac ' a' Ghobhainn a bha thall an taice rinn, 's e a bhiodh a' leughadh Gàidhlig agus ag ionnsachadh sgeulachd. 'S bhiodh e 'gan cluinntinn, tha mi creidsinn, aig feadhainn, ach dh' innis e dhomh sgeulachd a bha seo, 'Fionn an Taigh a' Bhlàir Bhuidhe gun Chomas Èirigh no Suidhe'.


Bha Fionn agus a dhà dheug dhe a ghillean 'muigh anns a' bheinn sheilg latha, agus thàinig an droch shìde orra agus bha i cho anmoch mu 'n d' fhuair 'ad sealg agus gun robh 'ad ro anmoch airson tighinn dhachaigh. Ach co-dhiù thàinig 'ad gu bothan ann a' sineach a bha fàs, bothan nach robh duine fuireach ann 'san àm. Agus chaidh 'ad a-staigh dhe 'n bhothan sin agus dh' fhadadh 'ad teine air an teallach agus thòisich—dol thòsicheachadh air bruich sitheann a bh' aca 'son biadh a dheanamh.


Agus nuair a bha 'm biadh ma dh' fhaoidte gu bhith deiseil no ma bha—ma bha i letheach deiseil ma dh' fhaoidte, thàinig—thàinig maigheach buidseachd a-staigh agus ghabh e mu'n cuairt. Bha e sradadh na luadh suas dh' ionnsaigh nan cabar agus bha e 'dol mu'n cuairt. Tha mi cinnteach gun do chuir e gnothaichean ann an aimhreit orra 's air a dh' fhalbh e a-mach, ás a dheoghaidh a thug 'ad.


Agus lean 'ad e 's bha e dol fairis air—air glinn agus air beann 's gun 'ad ach a' siubhal ro 'n an t-sìd' a bh' ann, agus mu dheireadh thàinig 'ad gu taigh. Agus gu dè an taigh a bha sin ach Taigh a' Bhlàir Bhuidhe. Ach cha robh sgeul air —air a' mhaigheach agus cha robh feum a bhith faighneachd mu dheoghainn tuilleadh. Ach chaidh 'ad a-staigh agus cha robh am Blàr Buidhe idir a-staigh. Bha e 'muigh 'sa bheinn sheilg.


Ach thug a bhean dhaibh biadh agus thuirt i riù' gum b' fheàrr dhaibh bhith a' falbh, o, mu 'n tigeadh am Blàr Buidhe dhachaigh. Nach robh fhios gu dé a bha gu éirigh dhaibh. Agus 's e seòrsa fuamhair a bh' anns a' Bhlàr Bhuidhe. Bha e tighinn beò air—air feòil na tuirc fia— torc fiadhaich agus ma dh' fhaoidte gun itheadh na feòil—nan daoine cuideachd. Ach co-dhiù thuirt Fionn nach do theich e fhathast ro—ro thuasaid agus nach robh dùil aige tòiseachadh an seo a-nochd air teicheadh.


Ach an ceann greise chualas fuaim gàbhaidh aig—tighinn agus thàinig am Blàr Buidhe 's a dhà dheug gillean dh' ionnsaigh an doraist agus nuair a bha e crathadh an t-sneachda far a chasan, bha e 'crithe an taighe. Agus thuirt e gu robh e a' faireachdainn fàileadh [fireannach/faralach/fearalachd?]. Dh' fhaighneachd e dh' an bhean cò a bha seo agus thuirt a' bhean gu robh Fionn agus a dhà ghille dheug, gun do thadhail 'ad a-staigh. Bha 'ad a' tighinn ás a' bheinn.


Agus thuirt e ri Fionn, "Cuir a-mach sianar dhe d' ghillean an seo 's gun toir 'ad an torc far mo dhruim 's gun giùlan 'ad a-staigh e. 'S dar a chaidh sia gillean aig Fionn a-mach bhuail e slat a' dhraoidheachd orra agus rinn e carragh-chloiche dhiubh 's chuir e 'nan torr 'ad aig taobh a tuath an doraist 's chumadh 'ad fasdadh air an dorast, agus ghiùlain e fhéin a-staigh an torc nimhe.


Agus nuair a thàinig 'ad a-staigh thòisich 'ad ri an torc nimhe a dheanamh deiseil airson a bhruich 's tha mi cinnteach nach deachaidh móran deisealachad ghrinn sam bith a dheanamh air. Agus bha poit mhór aig bean a' Bhlàir Bhiudhe deiseil a' goil airson an torc a bhruich ann a' sin 's nuair a chaidh an torc a bhruich, thòisich 'ad air ithe an torc. Agus dh' ith 'ad fhéin a h-uile greim dhe 'n torc nimhe. Agus cha d' thug 'ad do chàch ach gun tilgeadh 'ad na cnàmhan thuc' an dràst' 's a rithist 's 'ad a' magadh orra.


Ach nuair a bha an t-suipear aca seachad, am biadh a bha sin seachad aca, dh' iarr am Blàr Buidhe an ubhal òir agus gun tòisicheadh e air sin a chaitheadh air a—gun tòisich[eadh?] e air cleasachd leatha. Agus chaidh an ubhal thoirt dha agus thòisich e air tilgeadh na h-ubhail. Agus air na h-uile tilgeadh bha e a' cur ás do fhear dhe na gillean aig Fionn.


Agus bha Fionn 'gan tilgeadh—a' tilgeadh na h-ubhail air n-ais ach cha robh e air deanamh sian leatha—deanamh diofar idir leatha. Agus nuair a bha na gillean air an cur—air am marbhadh, cha d' rinn e ach an an caitheadh a-mach còmhla ris an fheadhainn eile taobh na còmhl'. Agus chaidh e fhéin agus Fionn an uair sin gu gleachd. Agus sin nuair a thuirt Fionn nach duine duine leis fhéin.


Na bha 'ad a 'gleachd, 's cha b' urrainn fear seach fear aca buannachd. Agus mu dheireadh, air sàillibh gu robh na gillean aig a' Bhlàr Bhuidhe, bha an comas aige. 'S dh' iarr e air a' bhean greideal a chuir air an teine 'ga bhlàthachadh agus gu robh—gu robh fhios gu robh na casan aig Fionn fuar an deoghaidh a bhith a's a' bheinn sheilg.


Agus chaidh Fionn bochd a chur air a ghreideal fhéin agus chaidh na casan aig' a losgadh suas dh' ionnsaigh na sléisdean agus bha e gun chothrom— gun chothrom éirigh no suidhe agus chuir e an uair sin, chuir am Blàr Buidhe bior na feòladh tro na sléisdean aige agus thilg e a-null ann an oisean e 's dh' fhàg 'ad an sin e 's bha—bha 'ad an dùil gu robh e marbh, no glé fhaisg air a bhith marbh co-dhiù. Agus thog 'ad fhéin rith' a' chadal.



Ach smaointich Fionn, ged a bha e anns a' chàs cho cruaidh 's ann am pian mar a bha e, gu robh an còrn-éiginn 'na phoca—fìdeag aige a sheinneadh e nuair a bhiodh e ann an comas gu bhith chur ris a' bhàs. Agus [dh' èal?] e i a-mach air dòigh air choireigin. Tha mi cinnteach gur ann le làmhan a bha e deanamh greimeachadh agus fhuair e fhéin [èaladh/fhialadh?] a-mach co-dhiù agus chaidh e ann a'—ann a' fasgadh craobh no creag a bha 'muigh agus fhuair e an fhìdeag a bha seo, an còrn, ri—ri bhilean agus thug e séideadh oirre.


Agus ghabh sin cluinntinn air a' chuid bu mhotha de dh' Èirinn nuair a rachadh an fhìdeag sin a sheinn, 'n seòrsa ceòl—sei—séideadh a dheanadh i, na fuaim a dheanadh i.


Bha Diarmaid agus a dhà dheug de ghillean agus 'ad a' siubhal airson Fionn, is fhios aca gun deach e air seachran a dh' àiteachan 's gum faodadh e bhith ann na cunnart.


'S neo-ar-thaing nuair a chuala Diarmaid an fhìdeag 'ga s—an còrn 'ga sheinn, nach do dh' aithnich e fhéin 'sa mhionaid gu robh Fionn ann an cunnart a bhàis, no mura bitheadh, nach rachadh an fhìdeag 'na h-éiginn seo a shéideadh. Agus bha gach cnoc ìseal leò' tha mi cinnteach agus gach sloc àrd 's bha gach cam dìreach leò' anns a' chabhag 's a bha 'ad a' falbh gus na ràinig 'ad far an robh Fionn.


Agus nuair a—nuair a ràinig 'ad far an robh Fionn, bha e gu math fada air n-ais a's an àm a bha sin. Bha e gu math truagh dheth. Ach dh' innis e mar a dh' éirich dha 'n a' dhà ghillean dheug a bha còmhla ris. Agus thuirt e ri Diarmaid gum b' fheàrr dhaibh tilleadh. " 'S coma leibh dhomhsa," ars' esan, "tilleadh dha—tilleadh air n-ais," ars' esan, agus, "bho 'n tha sibh sàbhailte." O, cha tilleadh Diarmaid [air daoine ?] airson rud sam bith. 'S e bràthair a mhàthar a bh' ann am Fionn agus air a thàilleadh sin bha—bha a' bhàigh aige ris. Ach ghabh e sìos gu taigh a' Bhlàir Bhuidhe, e fhéin 's na gillean agus chaidh 'ad a-staigh agus bha am Blàr Buidhe air falbh a's a' bheinn sheilg. Co-dhiù rinn bean a' Bhlàir Bhuidhe biadh dhaibh agus thug i biadh 'is deoch dhaibh ach thuirt i ris gum b' fheàrr dha nist a bhith falbh.


Bha—'n éireadh dhaibh mar a dh' éirich do Fionn 's dha na gillean. Agus, "O," arsa Diarmaid, "Chan fhalbh sinn idir gus an toir sinn a-mach an [?] ".


"Glé cheart," ars' ise, "Fuirighibh ri dheireadh." Agus dh' fhuirich 'ad ach co-dhiù thàin—an ceann greis thàinig am Blàr Buidhe agus torc nimhe air a dhrui—air a mhuin a' tighinn dhachaigh. Agus thuirt e aig an—aig an dorast, "Gu bheil mi faireachdainn fàileadh [fireannach/faralach/fearalachd?]. Cò a th' agad a' seo?" ars' esan ris a bhean. Is dh' innis i dha, agus, "Cuir a-mach," ars' esan, "sianar dhe d' gillean ann a' seo 's gun toir 'ad an torc far mo dhruim. Cha do—cha d' rinn Diarmaid sin ach ghabh e fhéin a-mach agus thòisich e air gillean a' Bhlàir Bhuidhe, is ann an tiotadh bha sianar dhiubh aige air am spadadh air a' làr ann a' sin, agus thill e air n-ais a-staigh agus thug am Blàr Buidhe agus na gillean eile a-staigh an torc. Ach thug e fhéin—thug Diarmaid a-staigh an torc agus cha robh ach—am Blàr Buidhe 's na gillean ach air tighinn a-staigh, no fuireach a-muigh mar a thogradh 'ad, ach thug esan a-staigh a torc agus thòisich e fhéin 's na gillean, an dà ghille dheug a bha còmhla ris, air faighinn an torc deiseil agus creid gun deach e a fhàgail gu math sgiobalta, grinn agus snasail agus chaidh an uair sin a bhruich agus thòisich 'ad air ithe.


Agus chaitheadh e cnàmhan beaga an dràsd' 's a rithist gu 'n Bhlàr Bhuidhe 's gu na gillean 's thàinig am Blàr Buidhe, "Nach olc an aoidh thu."


'S chanadh e ris, "O, na can guth. Dh' fhaodadh tu faighinn na's miosa na sin mu 'n tig a' mhadainn. Agus lean 'ad co-dhiù air ithe feòil an tuirc nimhe agus air caitheadh nan cnàmhan gu—air càcha gus a chuir iad crìoch air a' [mheur?] mu dheireadh e. Agus dh' Iarr Diarmaid air bean a' Bhlàir Bhuidhe an ubhal òir a thoirt thuige.


'S tha fios nach diùltadh i agus esan 's na gillean a-staigh. Agus thòisich e air caitheadh na h-ubhal, agus air a chiad chaitheadh a thug e air an ubhal, leag e dhà de ghillean a' Bhlàr Bhuidhe. Agus chaidh am Blàr Buidhe a-null. An toiseach cha d' rinn e sian 's ghlac Diarmaid a rithist i agus thilg e i agus air an turas sin thug e a-nuas dithis dhe na gillean. Agus chaith e i a rithist agus—gus an do chuir e crìoch air dithist eile dhe na gillean.


Agus thuirt e ri bean a' Bhlàir Bhuidhe gum b' fheàrr dhi greideal fhaighinn 's a chuir air teine agus a dheanamh gu math teth. Co-dhiù, fhuair bean a' Bhlàir Bhuidhe 'n greideal agus chaidh an greideal a chuir air teine 'son a dheanamh teth agus creid gun deachaidh a dheanamh gu math teth, 's mar a thuirt Diarmaid, bha casan a' Bhlàir Bhuidhe fuar an deoghaidh tighinn—tighinn dhachaigh tro 'n t-sneachd 'is tighinn as a' bheinn sheilg.


Agus chaidh—bha 'ad a'—chaidh breith air a' Bhlàr Bhuidhe agus chaidh a chuir air a' ghreideal agus na casan aige losgadh suas gu math dhiubh 'son na sléisdean agus nuair a bha sin réidh fhuair e bior na feòladh agus phutadh sin ron na sléisdean aige agus chaidh a chuir dha 'n darna taobh. Agus bha Diarmaid an uair sin a-null. "A-nist," ars' esan, "tha bàs os do chionn, agus chan eil," ars' esan, "dòigh agad a' tighinn bhuaithe ach," ars' esan, "innse dhomh an dòigh—an dòigh air Fionn agus na gillean," thuirt e, "a leigheas."


Agus o, dh' iarr am Blàr Buidh' air a' bheatha fhàgail aig' agus thuirt e ris gu robh—gu robh botal de dh' uisge ath-bheòthaicheadh na leithid seo a dh' àite a-mach, a bha e aig bonn creige na's—no àiteachan sin a-mach taobh an taighe. Agus as a' mhionaid dh' fhalbh Diarmaid 'ga iarraidh sin.


Agus a' chiad rud a rinn e, ghabhail far an robh Fionn. "O," thuirt Fionn ris, "coma leat dhomhsa," ars' esan, "thalla agus—dh' ionnsaigh nan gillean. Tha mis,'" ars' esan, "réidh co-dhiù." Ach co-dhiù shuathadh pàirt dhe 'n uisge ri Fionn, agus thòisich e air leigheas.


Agus thugadh an ath suathadh dha 'n uisg' air agus ba e 'dol—bha e gu math na b' fheàrr leighiste an uair sin agus thugadh—thugadh an trìtheamh suathadh dha 'n uisge bha 'sa bhotal air Fionn agus dh' éirich Fionn 'na sheasamh. Agus bha e ùr fallain. Agus dh' fhalbh Diarmaid sìos an uair sin agus chrath e an t-uisge a bha 'sa bhotal air na—na gillean agus dh' éirich an dhà ghille dheug.


Agus chaidh e 'n uair sin far an robh am Blàr Buidhe agus thuirt e ris gun toireadh e niste—gun saoradh e air cumhnant, nan toireadh e—nan toireadh e a mhòintean 's a bhriathran fìrinneach nach cuireadh e fhéin no gille—a ghillean dragh air an Fhéinn gu bràcha, agus nach toireadh 'ad tàir dhaibh ann an dòigh sam bith a dhèanadh 'ad. Agus nach—gu robh 'ad ri bhith sìobhalta agus fuireach cuidhteas an Fhìnn, gun dragh no tòireachd a chuir orra tuilleadh. Agus b' fheudar dha 'n Bhlàr Bhuidhe sin a ghealltainn agus nuair a chaidh sin a dhèanamh, chaidh an còrr a bh' anns a' bhotal uist' a chrathadh orrasan agus thàinig 'ad air n-ais gu beatha, gu riochd mar a bha 'ad roimhe. Agus dh' fhalbh an uair sin Fionn agus na gillean 's Diarmaid 's na gillean còmhla agus ghabh 'ad suas dh' ionnsaigh an àite, 's tha mi cinnteach, gur ann an àite a bhiodh 'ad a gabhail biadh 's bhiodh fearas-cuideachd aca.


Agus dh' aontaich 'ad an uair sin, aig an àm, nach biodh e ach 'na nì glé chunnartach de dh'aon sam bith a thighinn mu'n cuairt aig an àm a bheireadh tàire dha an Fhìnn, no dh' fheuchadh ri cath a chur riutha. Agus sin mar a chuala mise sgeulachd aig Mac a' Ghobha'.

Notes (fieldnotes):
Source: Seumas Mac a' Ghobhainn, probably from a printed source.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile