Mac na Banndraich a Chaidh a dh'Iarraidh na Mineadh air a' Ghaoth a Tuath
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF159i01 MAC NA BANNDRAICH A CHAIDH A DH'IARRAIDH NA MINEADH AIR A' GHAOTH A TUATH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-09-25
Tha sgeulachd air Mac na Banndraich a chaidh a dh'iarraidh na min air a' Ghaoth a' Tuath. Bha Mac na Banndraich, latha is e toirt a-staigh min à taigh beag a bh' aca 'mach taobh an taigh-chonnaidh. Agus tha mi cinnteach gu robh a' mhin air fàs gu math gann aca 'san àm. Ach bha e a' tighinn le soitheach mineadh agus mun do ràinig e a' starsach, thàinig oiteag mhór do Ghaoth a' Tuath, agus chaidh a' mhin a shéideadh air falbh. Agus chaidh e a-staigh agus chruinnich e tuilleadh de mhin, 's thug e a-mach e, ach thàinig oiteag mhór agus dh'fhalbh a' mhin leis a' Ghaoth.
Thuirt e ri a mhàthair nach dèanadh seo a' chùis; gu robh esan a' dol a dh'ionnsaigh na Gaoth a' Tuath a dh'iarraidh pàigheadh na mineadh.
Agus ò, thuirt a mhàthair ris gun a dh'fhalbh, gum b'fheàrr dha fuireach far an robh—aig an dachaigh, carson a bha e 'dol a dh'fhalbh a dh'iarraidh pàigheadh air a' Ghaoth a' Tuath.
"O," thuirt e, [ge b' e ? ?] gu falbhadh e.
Agus dh'fhalbh e, agus fada no goirid an ùine a bha e 'falbh, mu dheireadh, ràinig e a' Ghaoth a' Tuath. Agus bha a' Ghaoth a' Tuath, tha mi cinnteach, car fuar, cròsda 'san àm, ach bhruidhinn esan is bha e fhéin gu math stràiceil. Agus dar a chur a' Ghaoth a' Tuath fàilt' air, chuir e fàilt' air—fhreagair e a' Ghaoth a' Tuath, agus thuirt gun d'thàinig e seo a dh'iarraidh na mineadh a thugadh bhuaithe a' latha roimhe.
Agus, "[Ma thà?]," ars esan, "chan eil pàigheadh agams' ach bheir mi dhuts' airson na mineadh," ars' esan, "chan eil a' min agam, 's chan eil am pàigheadh agam."
"Ma-thà," ars esan, "tha mise ag iarr—ma-tà," ars esan, "tha mi ag iarraidh pàigheadh airson na mineadh co-dhiù."
"Ma tha," ars esan, a' Ghaoth a' Tuath, "'se rud a nì mise riutsa," ars esan, "bheir mi dhut an t-anart a th' ann a' seo. Agus nuair a sgaoileas tu an t-anart seo air bòrd, [fóghnaidh/b' urrainn?] dhut biadh sam bith a bhios a dhìth ort iarraidh, agus bidh gu leòr air an anart sin, uidhir 's a bhios a dhìth ort agus còrr."
Co-dhiù, thug e taing dha 'n Ghaoth a Tuath airson a pàigheadh na mineadh agus dh'fhalbh e. Ach bha e sgìth agus thàinig e gu taigh-òsta, agus o'n a bha e cho sgìth is i a' fàs cho anmoch rinn e suas inntinn gu fuiricheadh e fad na h-oidhcheadh. Agus co-dhiù chaidh e 'staigh is chaidh a a-null is shuidh e ann an oisean seòmbair agus thug e an t-anart ás a phòca agus sgaoil e air a' bhòrd e agus bha biadh gu leòr aige ann a' sin dhe 'n chuid a b' fheàrr.
Ach co-dhiù, chunnacas mar a bha an gnothach a' dol, agus nuair a chaidil esan an oidhche sin chaidh an t-anart a ghoid air, agus pìos eile de dh'anart dhe 'n aon mheudach, dhe 'n aon dath 's a h-uile sìon a chur na phòcaid agus dh'éirich e 'sa mhadainn is dh'fhalbh e, tog e [rithe/a shlighe?] dhachaigh.
Agus air a thàinig e dhachaigh thuirt e ri mhàthair gun d'fhuair e pàigheadh airson na mineadh. Is rinn a mhàthair gaire [a' magadh air?] "Tha mi cinnteach gun d'fhuair thu sin".
"Fhuair," ars esan, agus thug a an t-anart ás a phòca is sgaoil e an t-anart air a' bhòrd is dh'iarr e biadh ach cha d'thàinig sìon, cha d'thàinig sìon. Rinn e suas na inntinne gur ann a bha an a' Ghaoth a Tuath a' toirt a' char às, gu robh e ga mhealladh.
Agus dh'fhalbh e air n-ais. Ràinig e a' Ghaoth a Tuath agus thuirt e ris a' Ghaoth a Tuath gu robh esan ag iarraidh pàigheadh airson na mineadh a thug e bhuaithe, agus nach robh sìon feum anns a' phàigheadh a thug e dha cheana.
"[Chan fheàrr?] a th' agam-sa ort," ars' esan, a' Ghaoth a Tuath, "ach bheir mi dhut," ars' esan "reithe ann a' seo, agus nuair a dh'abras tu ris a' reithe sin 'crath do cheann' crathaidh a' reithe sin a cheann agus tuitidh buinn òir is airgid bhuaithe, agus bidh sin," ars' esan, "na chomas riut co-dhiù."
Ach co-dhiù nuair a thàinig e—tighinn dhachaigh is bha i a' fàs anmoch is bha e a' fàs sgìth, agus ràinig e an taigh-òsta, agus co-dhiù bha e airson, bha e airson airgead fhaighinn a phàigheadh airson tàmh na h-oidhche, sin a phàigheadh mu—nuair a thàinig e. Is dh'iarr e air a' reithe a cheann a chrathadh, is chrath a' reithe a cheann, is thuit buinn òir. Thug e sin do dh'fhear an taigh-òsda.
Ach co-dhiù, bha a' reithe—chuir e an t—chuir e an àite sàbhailte gu leòr, ach nuair a bha esan na chadal ghoid àsan a' reithe, agus chuir 'ad reith' eile na àite dhe 'n aon mheudach, dhe 'n aon dath. Agus thàinig esan dhachaigh, o bha e cho toilichte. Fhuair e pàigheadh na mineadh air an turas seo is fhuair e math gu leòr e. Ach ged [bh]iodh esan ag iarraidh air a'— fad a' latha, ged [bh]iodh e 'g iarraidh gun do dh'iarr e air a' reith' a cheann a chrathadh, cha tigeadh—cha chrathadh a' reithe a cheann, is cha tigeadh òr no airgead bhuaithe.
Thug a mhàthair tacan a' magadh air, agus thuirt i ris gur e a bha gòrach a' falbh [ris?] an obair sin idir. Thuirt e gu robh esan ['dol falbh?] fhathast, cha robh e riaraichte idir leis a' ghnothach, cha robh a' Soirbheas a Tuath dol a bhith 'ga mhealladh-[san?] idir air an dòigh ud, agus a' dèanamh amadan dheth. Agus dh'fhalbh e air n-ais dh'ionnsaigh an t-Soirbheis a Tuath agus thuirt e ris an t-Soirbheas a Tuath gu robh esan ag iarraidh pàigheadh airson na mineadh a thug e bhuaithe, nach e an rud gun fheum a bha e ag iarraidh a bha e a' toirt dha. Agus dh'fhoighneachd a' Soirbheas a Tuath dheth an do chuir e seachad an oidhche no an deach—do chum e roimhe dhachaigh, 's thuirt e gun do chuir e seachad an oidhche 'san taigh-òsda. Agus cha [?] an Soirbheas a Tuath dad air ach thuirt e—ars' esan, "Tha bat' ann a' seo, agus bheir thusa leat am bata sin, agus uair sam bith," ars' esan, "a dh'iarras tu air a' bhat' a tha sin 'éirich is buail'," [ars'] esan, " nì am bata sin dhut, agus cha ghabh stad a chur air gus an abair thusa 'stad, a bhata'."
Agus co-dhiù, chaidh e dha 'n taigh-òsda agus bha e a' dol chur seachad na h-oidhche ann. Ach cha do chaidil e air an turas seo, bha e na gu glice na b' àbhaist dha. Chaidh e—leig e air gu robh e na chadal, 's dh'fhàg e am bàta ann a'—far am faiceadh e-fhéin e, agus bha e anns a' leabaidh 's e 'leigeadh e air gu robh e na chadal, agus chaidh fear an taigh-òsda a-null airson am bata a thoirt leis agus fear eile a chur na àite ach dh'éibh esan "éirich a bhata, agus buail!". Is dh'éirich am bata agus thòisich e air dol mun cuairt, bha e a' buaileadh fear an taigh-òsta is a' slacadaich thall 's a-bhos. Agus bha 'ad ag éigheachd, ag éigheachd dha, ag éigheachd, 's cha robh e a' toirt feart. Agus ma dheireadh, thuirt e riuth', "Nuair a gheobh sibh an t-anart a thug sibh—a chum sibh bhuamsa, agus a gheobh sibh a' reithe, gheobh sibh sin dhomhsa, cuiridh mi stad air a' bhata." Is dhèanadh 'ad rud sam bith, is dh'éibh esan an uair sin, "Stad, a bhata!" Agus stad am bata gam bualadh. Agus fhuair iad a' reithe dha agus an t-anart, agus cha robh aige ach sin a thogail le—thoirt leis dhachaigh.
Agus nuair a thàinig e dhachaigh air an uair sin gu a mhàthair bha iad math gu leòr dheth. Bha anart aige a chuireadh e air a' bhòrd airson biadh [uimhir?] ri uair sam bith thogradh 'ad. Agus sian a bh' aige ri cheannach, cha robh aige ach iarraidh air a' reithe a cheann a chrathadh agus gheobhadh iad òr is airgead. Agus sin mar a dh'éirich dha 'n fhear a chaidh a dh'iarraidh pàigheadh na min air an t-Soirbheas a Tuath agus chaidh gu math leis.
Ach dh'éirich [?] dha 'n fhear—fear an taigh-òsta, a bha cho cealgach 's gun do ghoid e na gnothaichean air Mac na Banndraich agus sin agaibh an naidheachd an fhear a chaidh a dh' i arraidh na min air a' Ghaoth a Tuath.
Fhuair mi ann an—chunna mi ann an leabhar i, ach thàinig e gam chuimhne gun cuala mi leithid de sgeulachd roimhe nuair a bha a' bat' agus na gnothaichean air ainmeachas ann, a chuala mi ach chan eil cuimhne agam aig an àm có aig an cuala mi e an naidheachd a bha seo, bha e aig diofair feadhainn tha mi cinnteach ga innse mu dheidhinn a' bhata.
Notes (fieldnotes):
Source: Written and oral.
Reference sources:
Luirgean Eachainn Nìll: Folktales from Cape Breton, eds. Margaret MacDonell and John Shaw (1981), p. 11