Back to recordings

Nighean ás an Earradhubh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF158i10 NIGHEAN ÁS AN EARRADHUBH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Dé seo a nist an rud a bha [tape cut]—bha mi feasgar air chéilidh 'is bha fheadhainn an uair sin air—mu'n cuairt. Bhiodh 'ad ann an taighean 's ann an campaichean 's a' leithid sin. Bhiodh 'ad mu'n cuairt air feadh an àite 'cur seachad an t-samhraidh 's bha té bheag ghoirid a' seo a' dol seachad, té bheag ìseal. Och tha fhios gu robh i suas beagan bliadhnaichean a dh' aois. Cha robh—cha b' e nighean bheag sia no seachd a bliadhnaichean, dh' fhaoidte gum biodh i ochd deug no naoi deug no dh' fhaoidte fichead bliadhn' a dh' aois ach cha robh i ach uabhasach beag, meanbh. Agus "Dhia," arsa mise, "nach e—nach e a' nighean ud a tha beag, nach i tha meanbh."
"Och," ars' easn, "tha. Diabhal mura feumar gur a th' ann 'san Earradhubh a chaidh i siud a dheanamh." An earradhubh, sin dorchadas na ghealaich!

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile