Back to recordings

Seumas air Sgrìob

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF158i09 SEUMAS AIR SGRÌOB


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Bha Niall, a mac fhéin, bha e car—bha e car amasach air faclan cuideachd. Chanadh e rudan a bhiodh gu math neònach. Chan e freagairtean a bheireadh am fear sin ort idir, mar bu trice. Ach 's e rud a chanadh e, nuair a bhiodh e seanchas riut, sin rud a chanadh a' fear sin a bheireadh ort a bhith gàireachdainn 's a bha amasach.
Chaidh mi a-null air chéilidh air oidhche agus 's ann 'sa gheamhradh a bh' ann, ach bha atharrachadh beag air tighinn air—air a' ghnothaich. Bha i an deoghaidh sneachd a thilg agus bha e air leantail ris an deigh a bh' air an talamh. Ach roimhe sin bha an talamh air a chòmhdadh gu dona le deigh mar is minig a bhiodh an deoghaidh sileadh uiste, bhiodh an—bhiodh an—mu'n cuairt na h-àiteachan air an còmhdach le deigh gus an tigeadh sneachd a leanadh riù'. Agus bha—bha i, ars'—arsa mise, gu math sleamhainn mu'n cuairt air a—o chionn beagan làitheachan, gus an d' thàining beagan atharrachadh. "An dà," ars' esan, "bha i gàbhaidh. Trobhadaibh," ars' esan, "bha Seumas a-bhos air chélidh an seo 'n oidhche reimhid, agus nuair a bha e falbh, fhuair e leagadh shìos aig a' rathad a bha gàbhadh," ars' e, "leagadh a bha gàbhaidh, b' e có chaill e."
Cuimhnich, fhuair esan leagadh 's ma b' fhìor gun do chaill cuideigin a leagadh!

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile