Feuch an ann a' Danns' a tha Ruairidh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF158i08 FEUCH AN ANN A' DANNS' A THA RUAIRIDH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Co-dhiù, nuair a bha i, a's an àm a bha sin, bha i, mar a thuirt mi, bha i [an comhair a bàis?]. Agus bha i latha 's, nuair a bha boireannach ás an nàbachd thàinig a-staigh a choimhead oirre 's bha i thall a's an t-seòmbar còmhla rith' a' seanchas. Bha Ruairi a' faighinn biadh deiseil dhe na cearcan, agus ge b' dé rud a bh' ann, min 'is gnothaichean, bha iad aig' ann an crogan ann an—'s an can air choireigin 's bha e coltach gu robh spàl aige 'gan cuir mu'n cuairt, 'cur a' rud a bh' ann ma chuairt, 's o, bha e dèanamh neart de glaodhraich nuair a bhuaileadh a' spàl a bha seo ri taobh an t-soithich a bh' ann. Bha leithid de glagadaich a-null 's a-nall. Mu dheireadh thuirt i, "A," ars' ise, "[Fe]uch a coimhead thu a-null. Feuch an ann a' danns' a tha Ruairidh!"