Back to recordings
Na Thoilleas a-Staigh Dhìot
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF158i05 NA THOILLEAS A-STAIGH DHÌOT
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha 'ad a' fuireach ann an taigh beag. Cha robh ac' ach taigh beag, beag, aon seòmbar taobh a' chladaich. Bha 'ad air an cladach, mar a thuirt mi, 'sa rathad. Agus bha an doras fhéin, bha e car ìseal. Cha robh an doras 'san àirde a bhiodh air taighean chumanta. Ach thàinig fear dh' ionnsaigh an taighe latha, duine mór àrd a bh' ann. Iain Mór Dòmhnallach, 's o bha e 'na dhuine mór, mór, àrd garbh agus chaidh e sìos 's chuir e làmh air gach taobh dhe 'n dorast, air na—ursainn an dorais air gach taobhs'—agus chrom e sìos choimhead a-staigh, 's sheas e ann a' sin. Choimhead ise. "O," ars' ise, "Thig a-staigh a dhuine, na thoilleas a-staigh dhìot!"