Tha Thusa aig an Dorus
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF158i03 THA THUSA AIG AN DORAS
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
A-nist feuch an cuimhnich mi air dé na naidheachdan a's fheàrr dhomh tòisicheadh orra. Bha Anna bha seo, bean Ruairidh 'ic Ìosaig, bha i à—bha i sònraichte, cho amaiseach 's a bha i. Bhiodh facal—freagairt aice deiseil dhe 'n a h-uile sian a rachadh a chantail. Ma bha—ma bha thu idir mì—mì-dhòigheil ann an cuir ceist no ann a' faighneachd rud no sian a chantail no ma bha thu idir idir car—car mì-dhòigheil, bha freagairt deiseil aice.
Bha fear aig an taigh—aig an taigh latha, agus bha sruthan beag de dh' allta faisg air an taigh aca, agus o, bha e faighneachd a h-uile rud. Bha e gàbhaidh gu faighneachd, am fear a bha seo, bhiodh e—dh' fhaighneachd e dha h-uile sian. Ach cha mhór—cha mhór a dh' innseadh e fhéin idir ged a dh' fhoighneachadh tu dha. Ach dh' fhàs ise sgìth dhe na e bha e cuir de cheistean air a' ghnothach. Agus bha e 'na shuidh' aig an dorast a' coimhead a-mach. Agus, "A bheil an gaspereau a' tighinn a-staigh?" ars' esan.
"O chan eil fhios 'am a dhuine," ars' ise. "'S tu fhéin a th' aig an doras. Ma tha e 'tighinn a-staigh 'is còir gu faic thu e."