Chan eil Guth Beurla Aice
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF157i13_158i01 CHAN EIL GUTH BEURLA AICE
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha Martainn Mac Aonghais seo, a dh' ainmich mi roimhe, bha e tighinn dhachaigh às a' bhaile, e fhéin agus nàbaidh dha. Agus chunnaic iad eun a' tighinn 'nan coinneamh. Agus bha Iain Mac Ìosaig a' tighinn a-nuas air a shocair [a' rathad?]. 'S o, bha e pìos de dh' astar air falbh bho 'n dachaigh an uair sin. Bha e—bha e co-dhiù dà mhìle gu leth ma dh' fhaoidte no a' còrr a dh' astar air falbh bho 'n dachaigh. Agus stad 'ad a bhruidhinn ris, ach mu 'n do choinnich e 'ad idir, thuirt Màrtainn ris an fhear eile, "Feumaidh sinn," ars' esan, "a bhith cùramach mar a bhruidheas sinn," ars' esan. "Tha a' fear seo gu math amasach." Agus co-dhiù, stad 'ad. Chuir 'ad fàilt air, 's o dh' aithnich e 'ad 's bha e toilicht' am faicinn 's bha esan toilicht' esan fhaicinn.
Agus, "Nach tu tha bhos a' seo tràth?" os' esan, fear aca. tha mi smaoineachadh gur e Màrtainn a thuirt, "Nach tu tha tràth shuas a' seo?"
"Tha," ars' esan, "chaidh mart air chall oirrn, air seachran oirrn. Chan eil—chan eil fhios againn càit' a bheil i 's tha mi tighinn a-nuas," ars' esan, "a choimhead feuch am faighinns'—faicinn i, no a[m] faighinn i."
"Agus a bheil thu smaointinn," ars' am fear eile, "gun tigeadh i an t-astar seo?"
Co-dhiù nuair a thuirt e gu robh mart air seachran orra, gun robh e a' coimhead air a son, thuirt fear aca an uair sin, "A bheil thu an dùil, Iain, gun d' thàinig i a-nuas an t-astar a tha seo?"
Uill, bha 'ad a-niste pìos an ear air an à—air an dachaigh, agus bha 'ad sìos an ear air a' sin, na b' fhaisg' air Sudnaidh.
"O chan eil fhios 'am," ars' esan, "bho 'n t-saoghal," ars' esan, "an d' thàinig i a-nuas an t-astar seo. Ach saoilidh mi," ars' esan, "nach—co-dhiù nach rachadh i a Shudnaidh. Chan eil guth Beurla aice!"