Thill Mi
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF157i11 THILL MI
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
B' fheudar dhomh a-niste beagan de naidheachdan éibhinn innse mu dhéidhinn Iain Ghilleasbuig Mhóir, bràthair do dh'Aonghas, do dh'Alasdair 's do Dhòmhnall. Bha e fhéin gu math amaiseach. Bha—bhiodh 'ad a' ceannach cru—bhiodh 'ad a' ceannach cruidh air feadh na dùthcha. Bhiodh 'ad—rachadh 'ad gu diofar àiteachan airson crodh a cheannach. Bha 'ad dròbhaireachd mar a bheireamaid. Agus chaidh 'ad a-mach gu ceàrna ann a' sin faisg—tha e mu'n cuairt timchioll àite an canamaid Loch Uist, no a-mach na taobhanan sin agus no—eadar sin 's an Gleann Mór 's àiteachan. Agus dh'fhuirich 'ad ann an taigh a bha sin ré na h-oidhche. Agus bha bargan air a dhèanamh airson mart a cheannach shìos—pìos de dh'astar ás a' sin. Agus dh'fhalbh Iain shìos a dh'iarraidh a' mhairt, agus bha Alasdair air faighinn mart—toirt mart á àite eile is bha e—choinnich 'ad aig—choinnicheadh 'ad aig ceann a' rathaid. Agus an ceann ùine mhór thàinig Iain agus gun mhart idir aige. Agus, "Gu dé thachair?" ars' esan, Alasdair.
"O," ars' esan, Iain, "Nuair a bha mi sìos," ars' esan, "dh'inns e an t-astar a bha e sìos agus,"—an duine thachair ris—"agus dh'innis e dhomhsa," ars' esan, "gu robh 'm mart sin air a réic, gun d' thug dròbhair eile leis i. Ach," ars' e, agus "chùm mi," ars' esan, "sìos co-dhiù."
"Carson," ars' esan, "carson," ars' Iain—ars' Alasdair—"Nach do thill thu?"
"O, thill mi," ars' Iain, "Mura tilleadh, cha bhithinn a' seo fhathast."