Back to recordings

Iuchair Sgadain airson Uaireadair

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF157i09 IUCHAIR SGADAIN AIRSON UAIREADAIR


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


[Joe Neil MacNeil:] Bha Aonghas Mac Ìosaig seo air a—ann an taigh faire agus is mic—minig a bhitheadh e. Agus 's e fear dhe na bha an taigh na h-aire fhéin a bha 'g innse na naidheachd seo dhomhsa, greis an deoghaidh bàis Aonghais fhèin a bh' ann. Agus bhiodh 'ad a' fuireach ann—'nan caithris fad na h-oidhcheadh a's an àm sin an taigh faire, an dù—gu h-àraid a-muigh air an dùthaich, agus bha esan, bha e fada bho 'n dachaigh 's bha e fuireach 'san taigh—ann an taigh air choireigin, 's bha e cho math dha fuireach ann an taigh na h-aire an oidhche sin ris a' chòrr. Agus a-null uaireigin an deoghaidh—deaghaidh meadhan oidhche, nuair a thug a' chuid a bu mhotha aca rithe dhachaigh, dh' fhuirich feadhainn, ma dh' fhaoidte ceathrar no 'n uibhir sin. Airson an ùin' a chur seachad, dh' fhuirgheadh a bharrachd 'is dithis co-dhiù, dh' fheumadh—dh' fheumadh mu triùir no ceathrar fuireach. Agus tha mi cinnteach gum bite faighneachd na h-uair an dràsd' 's a rithist, 'dol a dheanamh tì nuair a bhiodh 'ad a' fàs car cadalach, agus bheireadh fear thall uaireadair ás a' phòca 'is dé an uair a bha i. Bha i a' leithid seo a dh' uair, is bheireadh fear eile uaireadair ás a' phòca 'is bha diofar as an uair a bh' aigesan as an àm. Agus bha e air deireadh no air thoiseach air a' chiad fhear, 's bheireadh fear eile a-mach an uaireadair 's bha diofar beag 'san uair aige fhéin. Dh' fhoighneach 'ad do dh' Aonghas gu dé an uair a bha e air an uaireadair aigesan. "An dà, [tha fios agaibh?]," ars' esan, "nach eil móran earbsa agamsa an dràsd' idir ás an uaireadair."
"Seadh," arsa fear dhiubh, "dé a-nist is coireach?"
"Chaill mi an iuchair a fhuair mi leatha. Agus cha bhi mi ach 'ga cuailigeadh le iuchair sgadain!"

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile