Back to recordings
Leigheas
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF157i08 LEIGHEAS
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Là bha 'ad a' bruidhinn air tinneas air choireigin, a bh' air cuideigin no a bhiodh air—a bhiodh air feadhainn sam bith, no ge be dé a bhiodh ann, agus dh' fhaighneachd 'ad dhethsan a-niste a bhiodh e—an robh e—an robh e 'smaointinn gum biodh leigheas aige fhéin air a son seo. O, thuirt e gum biodh, ach gu robh e doirbh a' leigheas fhaighinn ach duine a bhiodh airson fhaighinn. Uell, gu dé a-nist a bhiodh ann—thuirt e, uell, gura h-e taosg spàin tì de—dhe 'n dealt far an drochaid iarainn air abhainn na Forks. Agus dà unnsa de [dh'fhuaim?] seann wagon agus unnsa gu leth de smuaintean [gurra/corra-gùg?].