A' Dol a Thoirt Sudnaidh A-mach
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF157i03 A' DOL A THOIRT SUDNAIDH A-MACH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Bha ceàrdach aige an uair sin, aig a' Phòn Mhór a bhos taobh a' rathaid agus bhiodh feadhainn a' tadhail ann nuair a bhiodh 'ad a' faighinn beagan de dh'obair air a dhèanamh. Ma dh'fhaoidte gum biodh—gum biodh cruidh ri chur air beòthaichean nuair a bhiodh 'ad a' dol dha 'n bhaile no a' leithid sin. Agus thadhail dithist no triùir latha aig a' cheàrdaich agus bha chabhag mhór air fear aca. A-nis bha baile Shudnaidh ma—ma dhà mhìl' air fhichead no trì mìl' air fhichead a dh'astar bhuapa. Agus dh'fhoighneachd e dha 'n fhear seo gu dé a' chabhag a bh' air. "Oh," ars' esan, Ruairi MacNìll, mac Sheumais Mhurchaidh 'ic Eòghainn a theireamaid ris—"Tha cabhag orm," ars' esan, "Tha mi—tha mi 'son Sudnaidh a thoirt a-mach mu 'n tig an oidhche."
"Ma tha," ars' esan, "Ma tha thu dol a thoirt Sudnaidh a-mach, bhithinn glé thoilichte nan d' thugadh tu a-mach faisg air a' Phòn Mhór. Bhiodh e na b' fhasa dhomh fhìn a dhol ann."