Back to recordings

Cas an Ùird

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF157i01 CAS AN ÙIRD


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha mi toirt naidheachdan éibhinn air Aonghas MacÌosaig. 'S ann á Gilleasbuig Mhór a bha e. Bha ceàrdach aige shìos taca ris a' rathad mhór aig a' Phòn Mhór. Agus oh bha na pàirt dhe na h-uidheaman an ceàrdaich, bha 'ad air fàs car sean. Bha samhach no mar a bheireadh 'ad—mar a bheireadh 'ad ann am pailteas, cas an ùird air bristeadh sìos. Cha robh ach cur an ùird suas air a—air a' mhaide bha sin. Is mu dheireadh cha robh maide ach beagan fear sia no seachd a dh'oirlich a dh'fhad is bha e coimhead cho annasach a' faicinn duine buaileadh iarainn agus làmh cho faisg air an—air an òrd. Is dh'fhoighneachd fear dheth, "An e fiodh na dùthchadh seo a bh' ann an cas an ùird?"
"Oh 's e," ars' esan, "Ach chan eil fiodh na dùthchadh seo uileadh ann."

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile