An Robh an Rathad Trom?
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF156i12 AN ROBH AN RATHAD TROM?
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] 'S fheudar dhomh niste iomradh a thoirt air Aonghas—Aonghas 'Illeasbuig Mhóir. Bha e fhéin gu math amasach agus dh'fheumadh tu bhith fìor chùramach gu dé chanadh tu. Nan cuireadh tu ceist air a bhiodh mì-dhòigheil, bha e dol 'gad fhreagairt cam. Agus nan cuireadh tu ceist air a bha e smaointinn nach robh iomchaidh idir a chuir thu air, bha e air an aon riar, chuireadh—dh'iarradh e dhut an aon rud freagairt car neònach.
Agus bha latha anns an àm an t-samhraidh, chaidh e sìos dh'ionnsaigh an àite 's a robh a' ceàrdach aige bliadhnaichean roimhe sin bhon chaidh a dh'imrich e suas dha 'n Phòn Mhór agus shuidhich e ceàrdach aig taobh a' rathaid shuas. Agus chaidh e an àm an t-samhraidh sìos agus thug e leis an t-each agus bha seann-sléighe shìos aige an taca ris a' cheàrdaich, ris an t-seann-cheàrdaich agus lòdaich e an t-slaod a bha sin le seann-iarrainn a bhiodh feum aige orra bhos a's a' cheàrdaich. Bha—chuir e—agus bheartaich e an t-each ris a—ris an t-slaod a bha sin agus theann e nuas air a shocair a' rathad. Ach 'san àm cha robh an rathad ùr ach cha robh móran strì lòd a tharraing air co-dhiù agus tha mi cinnteach nach robh boinn iarrainn ma dh'fhaoidte air an t-sléigh' ach [...a' mheur?] cha robh i ach aotrom. Is bha cuid dhiubh 'g obair air a' rathad mhór a's a' cheart latha a bha sin. 'S ann an àm an t-samhraidh a bha e anns an Iuchar agus cho, cho blàth. Dh'fhoighneach fear dhe na gillean dha, "An robh an rathad trom an-diugh?" Thuirt e ris nach robh fios aige, nach do dh'fheuch e ri thogail idir.
Agus thuirt an uair sin fear eile cha robh 'ad riaraichte leis a' ghnothach. "Tha mi cinnteach," ars' esan, "Gun d' fhuair thu car doirbh tighinn ro na bancaichean."
"An dà, a bheil fhios agad," ars' esan, "Gura h-e Bank of Montreal fear bu duilgh' a fhuair mise tighinn roimhe."