Am Bruthach Cas
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF156i10 AM BRUTHACH CAS
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha Alasdair, 's e a-nist a' fear a dh'fheumas mi iomradh a thoirt air, Alasdair 'Illeasbuig Mhóir. Bha esan ri bàrdachd 's bha e fhéin gu math amasach freagairtean aige bha gu math furasda ri tighinn. Agus bha e fhéin agus nàbaidh dhomh fhéin, bha 'ad a' coiseachd suas bruthach dh'ionnsaigh na h-eaglais air madainn DiDòmhnaich. Oill, bha 'ad an uair sin suas am bliadhnaichean, e fhéin agus an duine a bha seo, agus ghearain a' fear seo air cho cas a bha 'm bruthach a bha seo, a' dìreadh dh'ionnsaigh na h-eaglais. "Oh," ars' esan, Alasdair, "Sin mar a tha e," ars' esan, "'Sann a's caise tha an dìreadh a' dol a dhuine a h-uile latha," ars' esan, "Tha sinn a' fàs na's lapaich' airson dìreadh."