Back to recordings

A' Phoit Mhór Iarainn

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF156i08 A' PHOIT MHÓR IARAINN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)


Bha turas eile, bha—chaidh 'ad air a'—dhol gu taigh faire agus bha 'ad car beag anmoch a' tighinn ann 's mu 'n 's—bha an t-àite, an taigh air a lìonadh le daoine a' chuideachd a thàinig dh'ionnsaigh na faire. As an àm sin bhiodh 'ad a' fuireach as an taigh na faire greis dhe 'n oidhche co dhiù; bhiodh i suas gu ma dh'fhaoidte gu aon uair deug no meadhan oidhche mu 'n togadh a' mhórchuid dhiubh riutha—rithe dhachaigh 's an t-àite cho làn de dhaoine nan suidhe; cha robh suidheachan air fhàgail nach robh cuideigin air. Ach bha poit mhór iarrainn, té dha na poitean móra iarrainn as—mach ás a—ás an cùl bheag a-mach aig a' [chathair?] agus bha feadhainn aca nan suidhe air beinneachan 's air bogsaichean a-mach an sin is thàinig esan a-mach ri sheanchas riutha agus shuidhe e air a' phoit mhóir iarrainn a bha seo agus an ceann greiseag thuirt e gum bu neònach leis nach robh cuideigin aca 'ga fheuchainn leis an fhuirc a-nist, feuch an robh e bruich.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile