Back to recordings
Dé an Eaglais dha 'm Bheil Sibh 'Dol?
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF155i05 DÉ AN EAGLAIS DHA 'M BHEIL SIBH 'DOL?
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] E fhéin agus nàbaidh dha—caraid dha a' dol air turas agus thadhail 'ad ann an taigh air choireigin 's bha boireannach anns an taigh sin 's bha i gàbhaidh gu foighneachd. Agus dh'fhoighneach i do Mhàrtann, "Gu dé an eaglais dha 'm bi sibhse dol?" ars' ise.
"O," ars' esan, "mar a's trice," ars' esan, "'s ann dha 'n eaglais tha shìos aig a' Phòn Mhór a bhios mi a' dol."